B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Nar n–aghaidh

Against us

As we know, compound prepositions can combine with the possessive adjectives mo, do, a, a(–h–), ar, ur an/am. The compound preposition (ann) an aghaidh uses the preposition ann an, therefore to say ‘against me’ (literally ‘in my face’) we combine the simple preposition ann an with the possessive adjectives.

an aghaidh + monam aghaidh
an aghaidh + donad aghaidh
an aghaidh + ana aghaidh
an aghaidh + ana h–aghaidh
an aghaidh + arnar n–aghaidh
an aghaidh + urnur n–aghaidh
an aghaidh + annan aghaidh

Cò tha nar n–aghaidh?

Who’s against us?

Bha iad uile nam aghaidh.

They were all against me.

Thèid sinne nan aghaidh.

We’ll go against them.

Bidh dithis na h–aghaidh.

Two will be against her.

An deach thu a dh’fhaicinn geama spòrs a–riamh?

Have you ever been to see a sports game?

Chaidh mi gu geama nuair a bha mi beag.

I went to a game when I was small.

Bidh mi a’ dol dhan gheama a h–uile seachdain.

I go to the game every week.

Cha deach mi riamh a dh’fhaicinn geama ach nuair a bha an sgoil againn a’ cluiche.

I’ve never been to a game, except when our school was playing.

Cò bha a’ cluiche?

Who was playing?

Chaidh mi a dh’fhaicinn sgioba na sgoile againn an aghaidh sgoile à Dùn Dè.

I went to see our school against a school from Dundee.

Dè an sgòr a bh’ ann?

What was the score?

‘S e neoni–neoni a bh’ ann!

It was nil–nil!

Cia mheud tadhal a fhuair Alba?

How many goals did Scotland get/score?

Feumaidh mi prògram nan toraidhean fhaicinn a–nochd.

I’ll have to watch the results programme tonight.

Fhuair iad dà thadhal.

They scored two goals.