See Lesson Content

Gnothachas

B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Abairtean

Phrases

There were a few words and phrases there which you can use when talking about Obair, gnìomhachas is gnothachas (Work, industry and business). 

Let’s look at some of them again in context. 

Tha mi nam òraidiche

I’m a lecturer

‘S e sgrìobhaiche a th’ annam cuideachd—pàirt–ùine

I’m a writer as well—part–time

An toil leat an obair sin?

Do you like that work?

Tha mi air mòran obraichean a dhèanamh roimhe …

I have done many jobs before …

Càit a bheil thu fhèin ag obair a–nis?

Where are you (yourself) working now?

Agus dè an obair a th’ agad?

And what’s your job/work?

Bha mi nam chomhairliche stiùiridh.

I was a management consultant.

Bidh daoine feumach air ionmhasairean is cunntasairean fad na h–ùine.

People need treasurers and accountants all the time.

Tha mi air a bhith nam chìobair anns na saor–làithean …

I’ve been a shepherd in the holidays …

… bha mi nam chlachair, còmhla ri m’ athair, airson dà bhliadhna cuideachd

… I was a stonemason, alongside my father, for a couple of years as well.

Bha mi a’ beachdachadh a bhith nam ailtire

I was considering becoming an architect

Chuir mi seachad dà bhliadhna nam sheinneadair jazz ann an Glaschu!

I spent two years as a jazz singer in Glasgow!

Sgil, eòlas is tàlant gu leòr

skill, knowledge and talent aplenty