What a day!

Abair latha!

Let's have a look at this discussion. By the end of this section, you will have learned some valuable phrases that you can use in lots of different conversations.

chat avatar

Abair latha! Chaill mi mo lùths a' gàireachdainn.

What a day! I lost my strength laughing.

chat avatar

Chan e fiamh-ghàire no snodha-gàire a bh' air m' aodann—bha mi a' lachanaich fad uair gu leth!

It wasn't a smile or even a hint of a smile that was on my face—I was laughing out loud for a solid hour-and-a-half!

chat avatar

'S e fiolm uabhasach èibhinn a bh' ann ceart gu leòr. Bha fealla-dhà is rudan èibhinn ann a fhreagradh air sean is òg!

It was a terribly funny film right enough. There were jokes and funny things suitable for young and old [lit. old and young]!

chat avatar

Ach dè mu dheidhinn an tè a bha siud a' dèanamh a-mach gun robh sinn a' dèanamh cus fuaim?

But what about that woman who was making out that we were making too much noise?

chat avatar

Uill, bha mise lag a' gàireachdainn aig an ìre sin, mar sin cha tug mi 'n aire dhi.

Well, I was weak with laughter at that point, so I didn't notice her.

chat avatar

Cha robh i ach a' cur an ìre, saoilidh mi. Bha i a' cur às a corp mu dheidhinn airson ùine mhòr.

She was only pretending, I think. She was ranting about it for quite a while.

chat avatar

An robh i dìreach a' cur an ìre?

Was she just pretending?

chat avatar

Bha, agus bha i a' cumail a-mach gur e sinne bu choireach. Òinseach! Cha mhòr nach robh i a' gal nuair a dh'iarr iad oirre fàgail!

She was, and she maintained that we were to blame. Idiot! She was almost crying when they asked her to leave!

chat avatar

Ach chòrd am fiolm ris a' chloinn agus 's e sin an rud a bu chudromaiche.

But the children enjoyed the film and that was the most important thing.

chat avatar

Gu dearbh. An aon rud nach deach gu math: an dithis agam a' gal aig an deireadh. Cha robh iadsan airson fàgail nas motha!

Indeed. The one thing that didn't go so well: my two crying at the end. They didn't want to leave either!

chat avatar

'S e an fhìrinn a th' agad.

Isn't that the truth!