B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Abair latha!

Take two: What a day!

Let’s have a look at this conversation again. 

Abair latha! Chaill mi mo lùths a’ gàireachdainn. What a day! I lost my strength laughing.
Chan e fiamh-ghàire no snodha-gàire a bh’ air m’ aodann—bha mi a’ lachanaich fad uair gu leth! It wasn’t a smile or even a hint of a smile that was on my face—I was laughing out loud for a solid hour-and-a-half!
‘S e fiolm uabhasach èibhinn a bh’ ann ceart gu leòr. Bha fealla-dhà is rudan èibhinn ann a fhreagradh air sean is òg! It was a terribly funny film right enough. There were jokes and funny things suitable for young and old [lit. old and young]!
Ach dè mu dheidhinn an tè a bha siud a’ dèanamh a-mach gun robh sinn a’ dèanamh cus fuaim? But what about that woman who was making out that we were making too much noise?
Uill, bha mise lag a’ gàireachdainn aig an ìre sin, mar sin cha tug mi ‘n aire dhi. Well, I was weak with laughter at that point, so I didn’t notice her.
Cha robh i ach a’ cur an ìre, saoilidh mi. Bha i a’ cur às a corp mu dheidhinn airson ùine mhòr. She was only pretending, I think. She was ranting about it for quite a while.
An robh i dìreach a’ cur an ìre? Was she just pretending?
Bha, agus bha i a’ cumail a-mach gur e sinne bu choireach. Òinseach! Cha mhòr nach robh i a’ gal nuair a dh’iarr iad oirre fàgail! She was, and she maintained that we were to blame. Idiot! She was almost crying when they asked her to leave!
Ach chòrd am fiolm ris a’ chloinn agus ‘s e sin an rud a bu chudromaiche. But the children enjoyed the film and that was the most important thing.
Gu dearbh. An aon rud nach deach gu math: an dithis agam a’ gal aig an deireadh. Cha robh iadsan airson fàgail nas motha! Indeed. The one thing that didn’t go so well: my two crying at the end. They didn’t want to leave either!
‘S e an fhìrinn a th’ agad. Isn’t that the truth!