See Lesson Content

The Workplace

A2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Take two: Tha agallamh agam a-màireach

An dàrna turas: I have an interview tomorrow

Halò, Iain. Hallo, John.
Halò, Anna. Dè tha dol? Hallo, Anne. What’s doing?
Tha agallamh agam a-màireach airson dreuchd ùr. I have an interview tomorrow for a new job.
Glè mhath. Very good.
‘S e dreuchd ùr a th’ ann, ann an gnothachas ùr aig an oilthigh. It’s a new job, in a new business at the university.
Inntinneach … Interesting …
Agus an gnìomhachas seo, chan eil mi cho eòlach air an obair sin. Tha mi air a bhith ag obair aig an taigh airson ùine a-nis, le coinneamhan air-loidhne. Tha mi nam sgrìobhaiche agus tha mi nam thidsear. And this industry, I’m not so knowledgeable about that (kind of) work. I’ve been working from home for a while now, with online meetings. I’m a writer and a teacher.
‘S math gu bheil an dà dhreuchd agad! It’s good that you have the two jobs!
Tha mi fortanach. Ma gheibh mi an obair, bidh mi nam mhanaidsear. I am fortunate. If I get the job, I’ll be a manager.
Bhiodh sin math! ‘S e neach-leasachaidh a th’ annam le dìreach aon dreuchd aig an ìre seo. That would be good. I’m a developer, with just (the) one job at this stage.
Ach chan eil mi air a bhith ann an oifis airson ùine mhòr. But I haven’t been in an office for a long time.
Bidh thu taghta! Gur math a thèid leat! You’ll be fine! Good luck!