See Lesson Content

Friendship

A2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Dè rinn Fionnlagh?

What did Finlay do?

Let’s have a look at this conversation. By the end of this short section, you will be able to have this conversation!

Fhionnlaigh! Dè do chor? Finlay! How are you?
Cor math! Dè do naidheachd? I’m doing well! What’s your news?
Chan eil guth ri ràdh, Fhionnlaigh. Dè rinn thu an t-seachdain sa chaidh? There is nothing to report. Finlay. What did you do last week?
Dh’èirich mi aig sia uairean air Dihaoine. Chaidh mi don Eilean Sgitheanach. Chunnaic mi peataichean beaga laghach ann an Dùn Bheagain. Cheannaich mi iad, fhuair mi nathair bheag laghach. Thàinig mi dhachaigh. Chunnaic mi dràibhearan dona air an rathad. Thòisich mi ag èigheachd riutha. Chuir mi a‘ bhan agam air falbh. Chaidh mi a bhruidhinn ris an dithis agaibh. Thàinig am poileas agus chuir iad dhan stèisean mi is dh’ith mi droch bhiadh is tì lag! I woke up at six on Friday. I went to Skye. I saw nice little pets in Dunvegan. I bought them, I got a nice little snake. I came home. I saw bad drivers on the road. I started shouting at them. I put my van away. I went to talk to both of you. The police came and sent me to the station and I had some bad food and weak tea!
O, chan eil sin ro mhath! Ach thuirt thu gu bheil thu ann an sunnd mhath? Oh, that’s not too good! But you said you’re in a good mood.
Seadh. Tha sin ceart. Choinnich mi ri tòrr dhaoine inntinneach is bhruidhinn mi riutha! Aye. That’s right. I met loads of interesting people and I spoke to them.