See Lesson Content

Còmhdhail

B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Càite an rachadh tu?

Where would you go?

Let’s have a look at this discussion. By the end of this section, you will have learned some valuable phrases that you can use in lots of different conversations.

Nam biodh do roghainn fhèin agad, pailteas airgid is ùine, càite an rachadh tu? If you had your own choice, plenty of money and time, where would you go?
Rachainn air chuairt air feadh an t-saoghail, carson nach deigheadh? I’d go on a round the world trip, why not?
Thiginn còmhla riut! I’d come with you!
Agus thiginn air ais—uill, thigeamaid air ais—anns an dòigh as slaodaiche a th’ ann. ‘S dòcha air rothair! And I’d come back—well, we’d come back—by the slowest means possible. Possibly on a bike!
Bhiodh tu na b’ fheàrr air motar-baidhsagal/motar-baidhc, no an deigheadh sinn ann an càr—ma bhios an dithis againn a’ dol ann! You’d be better on a motorbike, or we could go in a car—if there’s two of us!
Bhiomaid na b’ fheàrr tòiseachadh air an trèan(a). We would be better starting on the train.
B’ e na trèanaichean san Roinn Eòrpa a b’ fheàrr nuair a chaidh mi ann an-uiridh, ged a bha iad na bu chosgaile na na busaichean. The trains in Europe were the best when I went last year, even though they were more costly than the buses.
Seadh. Uh-huh.
B’ e an càr a b’ fhasa anns na dùthchannan far a bheil iad a’ dràibheadh air an làimh chlì ach cha robh cus dhiubh ann san Roinn Eòrpa! The car was easiest in the countries where they drive on the left-hand side, but there weren’t too many of them in Europe!
An e còmhdhail phoblach an dòigh as fheàrr, ma-thà? Is it public transport that’s the best way, then?
‘S e. ‘S ann air a’ bhus a rachamaid ann an Aimeireaga(idh) a Deas, ach bhiomaid na b’ fheàrr a dhol air an trèan(a) ann an Aimeireaga(idh) a Tuath. Abair seallaidhean! It is. It’s on the bus we would go in South America, but we’d be better to go on the train in North America. What views!
Nise, nach deigheadh sinn air bàt’-aiseig an àiteigin? Now, wouldn’t we go on a ferry somewhere?
Saoilidh mi nach deigheadh! Nach eil sinn eòlach gu leòr air bàtaichean-aiseig mar-thà! I don’t think so! Aren’t we familiar enough with ferries already!