See Lesson Content

Còmhdhail

B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Còmhdhail

Bilingual transcription: Transport

A Phàdruig?

(Padraig?)

(Is mi. Agus cò thusa?)

I am. And who are you?

Is mise Luc. Thuirt Etta rium gum biodh tu an seo.

(I’m Luc.  Etta said you would be here.)

Ach ciamar a bha fios agad cò mi?

(But how did you know it was me?)

Thuirt Etta gum biodh poca-droma mòr agad!

(Etta told me you would have a big backpack!)

Aidh, tha e mòr agus trom.

(Aye, it’s big and heavy.  Is Etta in the office?)

A bheil Etta anns an oifis?

Chan eil. Bha dùil aice riut bho chionn uair a thìde.

Cha b’ urrainn dhi fuireach.

(No.  She was expecting you an hour ago.  She couldn’t wait.)

Aww, bha i a’ dol a thoirt lioft dhomh gu taigh caraid. Tha e a’ fuireach pìos a-mach às a’ bhaile.

(She was going to give me a lift to a friend’s house. He lives a distance out of town.)

An ann air a’ bhus a thàinig thu? Thuirt Etta gun robh thu a’ tighinn air a’ bhus.

(Did you come by bus? Etta said you were coming on the bus.)

Chaidh mi air a’ bhus cheàrr.

An uair sin chaidh mi air bus eile, agus bha e cho slaodach.

Sin as coireach gu bheil mi cho fadalach.

(I went on the wrong bus. Then, I went on another bus, and it was so slow. That’s why I’m so late.)

Bhiodh tu na b’ fheàrr an trèana fhaighinn. Saoilidh mi gur i as luaithe.

(You’d be better getting the train. I think it’s faster.)

Chan eil mi cho eòlach air còmhdhail a’ bhaile.

Nach i an trèana as cosgaile?

(I’m not used to the transport in this city.  Isn’t the train most expensive?)

‘S i. Tha i beagan nas cosgaile ach, tha i nas luaithe agus tha i nas cofhurtaile cuideachd. Gu h-àraidh le baga-droma mar sin.

(It’s a bit dearer, but a lot faster.  The train is more comfortable as well. Especially with a backpack like that.)

A bheil am baile a’ còrdadh riut?

(Are you enjoying the city?)

Tha – tha e eadar-dhealaichte bho bhith anns an Eilean.

Chan eil ach mìos bhon a thàinig mi dhan cholaiste.

(Yes, it’s different from being in Skye. There’s only a month since I came to college.)

Ciamar a bhios tu a’ siubhal dhan cholaiste?

(How do you travel to college?)

Tha mi a’ fuireach ann an talla-còmhnaidh nan oileanach.

Tha sin faisg air a’ cholaiste agus ‘s fheàrr leam coiseachd.

(I’m living in a student hall of residence.  It’s near the college and I prefer to walk.)

Leis a sin?

(With that?)

Chan eil e ro dhona nuair nach eil an t-astar fada.

(It’s not too bad when it’s not a great distance.)

Ciamar a thàinig thu a-nuas às an Eilean?

An ann air a’ bhus a thàinig thu?

(How did you come down from the Island?  Did you travel on the bus?)

Chan ann. Thug m’ athair a-nuas mi, anns a’ chàr – mi-fhìn agus dà bhogsa-ciùil.

(No.  My father took me down in the car, myself and two accordions.)

Am b’ urrainn dhut trèana fhaighinn dhan Eilean?

(Could you get a train to the Island?)

Rachainn air an trèana le cinnt ach chan eil trèana a’ dol dhan Eilean.

Ciamar a bhios tusa a’ siubhal anns a’ bhaile?

An ann air an trèana? Neo a bheil càr agad?

(I’d go on the train for sure but the train doesn’t go to the Island. How do you travel in town? On the train? Do you have a car?)

Chan eil càr agam.

Tha cuibhlichean eile agamsa…

(I don’t have a car.  I have other wheels.)

Ach saoilidh mi nach biodh baidhsagal idir feumail dhutsa!

(But a bike wouldn’t be any use to you!)

O sgoinneil! Gheibh mi lioft. Tha Etta air ais.

(Fantastic! I’ll get a lift.  Etta’s back.)

Tìoraidh.

(Bye.)