See Lesson Content

Còmhdhail

B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: An ann an Dùn Èideann a tha thu ag obair?

Take two: Is it in Edinburgh that you work?

Let’s have a look at this conversation again.

Iain, bidh thusa a’ falbh air baidhsagal gu math tric. An e am baidhsagal as sàbhailte sa bhaile mhòr? John, you go by bike often. Is it the bike that’s safest in the city?
Saoilidh mi nach e. Ach tha e nas luaithe ma bhios trafaig trang ann, agus tha e nas saoire! I don’t think it is. But it’s quicker if the traffic’s busy, and it’s cheaper!
Seadh. Uh-huh.
Ach ‘s ann san Roinn Eòrpa a tha siubhal air baidhsagal sàbhailte gu leòr. But it’s in Europe that travelling by bike is safe enough.
An ann air feadh na Roinn Eòrpa a tha sin fìor? Anns na bailtean gu lèir? Is that true throughout Europe? In all the cities?
Chan ann, ach anns an Danmhairg agus anns an Tìr Ìosal, agus anns a’ Bheilg tha siostaman rathaid nas fheàrr aca. It’s not, but in Denmark, the Netherlands and in Belgium they have better road systems.
Agus an ann air baidhsagal a bhios tusa a’ siubhal a dh’obair? And is it by bike that you travel to work?
‘S ann. ‘S ann air an trèan(a) agus baidhsagal as t-samhradh. It is. It’s by train and bike in the summer.
Agus an ann an Dùn Èideann a tha thu ag obair? And is it in Edinburgh that you work?
‘S ann, mar as trice. It is, usually.
Agus dè thachras sa gheamhradh? An e trèan(a) is baidhsagal as fheàrr leat aig an àm sin dhen bhliadhna? And what happens in the winter? Is it the train and bike you prefer at that time of year?
Chan e. Bidh mi a’ faighinn lioft le caraid. Tha càr ùr dealain aige. It isn’t. I get a lift with a friend. He has a new electric car.