See Lesson Content

Àrainneachd

B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Crith–thalmhainn san Eilean Sgitheanach 

An earthquake in Skye

Let’s have a look at this discussion. By the end of this section, you will have learned some valuable phrases that you can use in lots of different conversations. 

Am faca tu gun robh crith–thalmhainn san Eilean Sgitheanach a–raoir? Did you see that there was an earthquake in the Isle of Skye last night?
Chan fhaca. Cha bhiodh i mòr, tha mi cinnteach. No. It wouldn’t be big, I’m sure.
Cha robh, cha robh i ach beag. Cha deach rud sam bith a mhilleadh no duine a ghoirteachadh. It wasn’t. It was only small. Nothing was damaged and no–one was injured.
An cuala tu gun robh stoirm ann an ceann a deas Shasainn le gèiltean uabhasach? Did you hear that there was a big storm in the south of England with terrible gales?
Chuala, gu dearbh. Agus dh’adhbhraich sin maoim–talmhainn an ath latha. Gu fortanach cha deach duine a mharbhadh. I did (hear). And that caused a landslide the next day. Fortunately no–one was killed.
Uill, tha an aimsir an seo air a bhith caochlaideach agus mì–chàilear fad an t–samhraidh. Well, the weather here has been changeable and unpleasant all summer.
Tha fios ’am. Tha i air a bhith bruthainneach agus an uair sin, ann am priobadh na sùla, thig fras uisge—uill ‘s e tuil a bhios ann—agus bidh mi drùidhte gu mo chraicinn! I know. It’s been sweltering, and then, in the blink of an eye, a shower will come, well a downpour, and I’ll be soaked to my skin!
Och tha fios ’am! Ach chan eil sin gu tur ùr. Agus chan e dìreach an aimsir a tha bun-os-cionn: tha mo cho–ogha anns an Eadailt ag ràdh gu bheil an talamh acasan air a mhilleadh bho àm gu àm le bholcàno a’ spreadhadh. Oh I know. But that’s not completely new. But it isn’t just the weather that’s upside down: my cousin in Italy says that the earth (land) there is ruined from time to time with a volcano erupting.
Dìreach! Agus mo phiuthar ann an Sealainn Nuadh daonnan draghail mu chrithean–talmhainn a bhios fada nas miosa na bhios againn ann an Alba! Indeed! And my sister in New Zealand is always concerned about earthquakes which are much worse than those we have here in Scotland!