See Lesson Content

Àrainneachd

B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Atharraichidh an aimsir san àm ri teachd

Take two: The weather will change in the time to come

Let’s have a look at this conversation again.

Dh’atharraich an aimsir gu mòr san linn seo agus atharraichidh an aimsir san àm ri teachd, tha luchd–saidheans ag ràdh. The weather has changed a lot in this century and the weather will change in the time to come, scientists are saying.
An do dh’atharraich mòran ann an Alba? Did much change in Scotland?
Dh’atharraich. Uill, tha mi a’ smaointinn gun do dh’atharraich. Mar a tha fhios agad, dh’fhàs i na bu bhlàithe an–uiridh. Yes (it did change). Well, I think it changed. As you know, it became warmer last year.
Am fàs i nas fheàrr idir? Will it get better at all?
Chan fhàs cùisean nas fheàrr idir gus am bi miann làidir gu leòr aig na dùthchannan beairteach cùisean a leasachadh. Things won’t get better (improve) at all until there’s a strong enough desire from the rich countries to improve matters.
Seadh. Indeed.
Agus fàsaidh cùisean nas miosa, tha amharas agam. And things will get worse, I suspect.
Chan eil an talamh mar a bha e. Chan eil a’ mhòinteach cho fallain ’s a bha i. The ground isn’t as it was. The moorland isn’t as healthy as it was.
Tha mi ‘n dùil gum bi riaghaltasan air feadh an t–saoghail a’ toirt an aire, oir tha mòran dhaoine a’ togail fianais mu dheidhinn. I expect that governments throughout the world will pay attention, because many people are protesting about it.
Uill, tha mise an dòchas, air sgàth na h–àrainneachd agus air sgàth na h-òigridh, gum faigh iad lorg air a’ mhiann sin agus gun dèan iad rudeigin a dh’aithghearr! Well, I hope, for the sake of the environment and young people, that they’ll find that desire and that they’ll do something about it soon!