See Lesson Content

Work

A1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Inbhe-obrach Anna

Take two: Anna’s work status

Look at the conversation again

An e sgrìobhadair a th’ annaibh no an e tidsear a th’ annaibh? Are you a writer or are you a teacher?
‘S e sgrìobhadair agus tidsear a th’ annam. I am a writer and a teacher.
Càit a bheil sibh ag obair a-rithist? Where do you work again?
Tha mi ag obair ann an sgoil anns Na Hearadh. ‘S e tidsear a th’ annam. I work in a school in Harris. I am a teacher.
Nach robh sibh ag obair ann an Steòrnabhagh? Didn’t you work in Stornoway?
Bha. Bha mi a’ teagasg ann an Steòrnabhagh ach leig mi dhìom mo dhreuchd. I was. I was teaching in Stornoway, but I retired.
Ach tha thu ag obair anns Na Hearadh? But you work in Harris?
Tha. Bha obair làn-ùine agam. I do. I did have a full-time job.
An e obair làn-ùine a th’ agaibh a-nis? Do you have a full-time job now?
Chan e. ‘S e obair pàirt-ùine a th’ ann. I don’t. It’s a part-time job.
A bheil sibh ag obair air ur ceann fhèin? Do you work for yourself?
Tha. ‘S e sgrìobhadair a th’ annam agus tha mi ag obair ann am bothan anns a’ ghàrradh. Yes. I am a writer and I work in a shed in the garden.