See Lesson Content

Work

A1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Anns a’ phàirc: Obraichean

Bilingual transcription - In the park: Jobs

Friends Emma, Michael and Seonaidh catch up in the park and discuss work.

Madainn mhath Emma. Tha latha brèagha ann. Ciamar a tha thu? Good morning Emma. It’s a nice day. How are you?
Madainn mhath a Sheonaidh. Tha i àlainn. Bha mi ag obair. Thòisich mi ag obair aig meadhan-oidhche. Good morning, Johnny. It’s lovely. I’ve been working. I started work at midnight.
Dè an obair a th’ agad Emma? What work do you do Emma?
’S e nurs a th’ annam. A bheil obair agaibh fhèin a Sheonaidh? I’m a nurse. Do you work Johnny?
Chan eil, chan eil obair agam. No, I don’t have a job.
Halò Emma agus a Sheonaidh. A bheil sibh gu math an-diugh? Hello Emma and Johnny. Are you well today?
Tha mise sgìth. I’m tired.
Tha mise gu math. Ciamar a tha thu fhèin? I’m well. How are you?
Tha mi gu sunndach. Dh’èirich mi aig sia uairean sa mhadainn. Ruith mi airson leth uair. Agus chan eil mi sgìth. I’m in good form. I got up at 6am. I ran for half an hour. And I’m not tired.
Uill, uill! ’S e nurs a th’ ann an Emma. A bheil obair agad fhèin? Well well. Emma’s a nurse. Do you have a job?
Tha obair agam. ’S e oifigear-spòrs a th’ annam. A bheil obair agaibhse a Sheonaidh? I have a job. I’m a sports officer. Do you have a job Johnny?
Chan eil, chan eil obair agam. Ach… No, I don’t have a job. But…
O-o! Obair! Tìoraidh. Oh-oh! Work! Bye.
O Emma bhochd! Tha thu cho sgìth! Oh poor Emma! You’re so tired!
Tha sibh ceart! Tha mi sgìth. Tìoraidh a Sheonaidh. You’re right. I am tired. Goodbye Johnny.