See Lesson Content

Places

A1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription - Anns a’ phàirc: Ciamar a tha thu?

Bilingual transcription - In the park: How are you?

Friends Emma, Micheal and Seonaidh catch up in the park and discuss how they all are.

Halò Emma, ciamar a tha thu? Hello Emma, how are you?
Madainn mhath a Sheonaidh. Tha mi gu math. Ciamar a tha sibh fhèin? Good morning Johnny. I’m well. How are you?
Tha gu dòigheil. I’m well.
Cò às a tha thu Emma? Where are you from Emma?
Tha mi às a’ Ghearmailt. I’m from Germany.
A bheil thu à Berlin? Are you from Berlin?
Chan eil. Chan eil mi à Berlin. Tha mi à Munchen. No. I’m not from Berlin. I’m from Munich.
Ah! Munchen – baile mòr. Ah! Munich – a big town.
Cò as a tha sibh fhèin a Sheonaidh? Where are you from Seonaidh?
Uill… Well…
Halò, ciamar a tha sibh? Hello, how are you?
Tha gu dòigheil a Mhìcheil. Thu fhèin? I’m in good form, Michael. Yourself?
Tha mi gu dòigheil a Sheonaidh, tapadh leibh. I’m in good form, Johnny, thank you.
Cò às a tha thu a Mhìcheil? Where are you from Michael?
Tha mi à Canada. Tha mi à Alba Nuadh ann an Canada. Ach tha mi a’ fuireach ann an Glaschu. Cò às a tha sibh fhèin a Sheonaidh? I’m from Canada. I’m from Nova Scotia in Canada. But I’m living in Glasgow. Where are you from Johnny?
Uill, rugadh mi ann an Alba. Thogadh mi anns an Fhraing agus anns a’ Ghearmailt. Agus, tha mi a’ fuireach ann an Glaschu a-nise. Well, I was born in Scotland. I was brought up in France and Germany. And I’m living in Glasgow now.
Feumaidh mi falbh! Mar sin leibh. I need to go! Bye.