A1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Dè tha Fionnlagh a’ smaoineachadh?

What does Finlay think?

Let’s have a look at this conversation. By the end of this short section, you will be able to have this conversation!

Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil thu gòrach! I think that you are silly!
Dè tha thu ag ràdh? What are you saying?
Tha mise ag ràdh gu bheil thu gòrach! I am saying that you are silly!
Tha mi an dòchas nach eil mi tinn. Tha mi a’ faireachdainn tinn. I hope that I am not sick. I am feeling unwell.
Iain, ciamar a tha thu, a bhalaich? Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil thu treun. John, how are you, boy? I think that you are brave.
Tapadh leat, a charaid. Carson? Thank you, pal. Why?
Seadh, carson? Tha mise ag ràdh nach eil e treun agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e gòrach! Aye, why? I am saying that he isn’t brave and I think he is silly!
Uill, tha mise a’ smaoineachadh gu bheil an gaisgeach seo treun oir dh’ith e coiridh teth a-raoir is dh’òl e sia pinntean leanna. Well, I think this hero is brave as he ate a hot curry last night and he drank six pints of beer.
Amadan eile! Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil thusa, Fhionnlaigh, nas miosa na Iain. Tha mi an dòchas gu bheil Màiri an seo an-diugh. Another idiot! I think that you, Finlay, are worse than John. I hope that Mary is here today.
Carson a tha thu ag ràdh sin? Why are you saying that?
Tha mise ag ràdh gu bheil Màiri glic! Tha ise a’ smaoineachadh gu bheil cofaidh nas fheàrr na tì agus tha mi an dòchas nach bi ise ag òl sia pinntean leanna! I am saying that Mary is wise! She thinks coffee is better than tea and I hope that she doesn’t drink six pints of beer!
Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil e dìreach deich uairean sa mhadainn. I think it is only ten in the morning.