See Lesson Content

Day-to-day

A1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription - Anns a’ phàirc: Dè tha thu a’ dèanamh?

Bilingual transcription - In the park: What are you doing?

Friends Emma, Michael and Seonaidh catch up in the park and discuss what they are doing.

Feasgar math Emma. A bheil thu a’ dol a dh’obair? Good afternoon, Emma. Are you going to work?
Halò a Sheonaidh. Chan eil mi a’ dol a dh’obair an-dràsta. Bha mi ag obair fad an latha agus tha mi nise a’ dol dhachaigh. Hello Johnny. I’m not going to work just now. I was working all day and I’m going home now.
Am bi thu a’ coiseachd dhachaigh? Will you be walking home?
Cha bhi. Bidh mi a’ faighinn trèana. Bidh mi a’ coiseachd chun a’ stèisean. No. I’ll be getting a train. I’ll be walking to the station.
Nach bi thu a’ dràibheadh? Do you not drive?
Cha bhi mi a’ dràibheadh. Am bi sibhse a’ dràibheadh? I don’t drive. Do you drive?
Cha bhi. Is toil leam a bhith a’ coiseachd. No. I like walking.
Cuin a bhios sibh a’ dol dhachaigh? When will you be going home?
Bidh mi a’ dol dhachaigh ann an leth-uair, aig sia uairean. Am bi thu ag obair a-màireach? I’ll be going home in half an hour, at 6 o’ clock. Will you be working tomorrow?
Cha bhi mi ag obair a-màireach! Disathairne! I won’t be working tomorrow. Saturday!
Dè bhios tu a’ dèanamh air do latha dheth? What will you be doing on your day off?
Bidh mi a’ cadal, agus bidh mi a’ cabadaich ri caraidean anns a’ Ghearmailt. I’ll be sleeping and I’ll be talking to friends in Germany.
Bidh sin math. Bidh thu a’ faighinn fois. That will be good. You’ll be getting a rest.
Dè bhios sibh a’ dèanamh aig an deireadh sheachdain? What will you be doing at the weekend?
Bidh mi a’ dol gu clas còcaireachd. I’ll be going to a cookery class.
Ò! Càit am bi an clas còcaireachd? Oh! Where will the cookery class be?
Bidh an clas anns a’ cholaiste. The class will be in the college.
Ciamar a bhios sibh a’ faighinn chun na colaiste? How will you get to the college?
Bidh mi a’ dol air a’ bhus. I’ll be going on the bus.
Agus dè a bhios sibh a’ còcaireachd? And what will you be cooking?
Bidh mi a’ còcaireachd biadh Frangach. I’ll be cooking French food.
Ò ’s toil leam biadh Frangach ach chan eil mi math air còcaireachd. Cuin a bhios an clas a’ tòiseachadh? Oh I like French food but I’m not good at cooking. When does the class start?
Bidh an clas a’ tòiseachadh aig trì uairean feasgar. The class starts at 3pm.
Cò bhios a’ teagasg? Who’ll be teaching?
Bidh mise a’ teagasg. Bidh mise a’ teagasg còcaireachd Frangach. I’ll be teaching. I’ll be teaching French cookery.