See Lesson Content

Day-to-day

A1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Dè bhios tu a’ dèanamh bho latha gu latha?

What do you do day-to-day?

Let’s have a look at this conversation. By the end of this short section, you will be able to have this conversation! 

Dè bhios tu a’ dèanamh bho latha gu latha? What do you do day-to-day?
Bidh mi ag èirigh, ag ithe, a’ siubhal, ag obair agus a’ cadal. I get up, eat, travel, work and sleep.
Na bi mì-mhodhail! Don’t be cheeky!
Tha mi duilich, Anna, tha mi a’ gabhail bràth oirbh. I am sorry, Anne, I am teasing you.
Dè bhios tu a’ dèanamh anns a’ mhadainn? What do you do in the morning?
Bidh mi a’ dùsgadh aig ceithir uairean, bidh mi ag èirigh an uair sin. Bidh mi a’ gabhail fras agus bidh mi ag ithe mo bhracaist aig cairteal an dèidh ceithir agus bidh mi a’ falbh dhan obair aig cairteal gu còig. Bidh mi a’ siubhal dhan obair air an trèan eadar còig agus sia. I wake up at four o’clock, then I get up. I take a shower and I eat my breakfast at a quarter past four and I go to work at quarter to five. I travel to work by train between five and six.
Dè bhios tu ag ithe anns a’ mhadainn? What do you eat in the morning?
Bidh mi ag ithe tost is silidh. I eat toast and jam.
Dè bhios tu a’ dèanamh air an trèan? What do you do on the train?
Bidh mi a’ leughadh naidheachdan an latha, no leabhar. Is fìor thoil leam leabhraichean. I read the day’s news, or a book. I really like books.
Is fìor thoil leam fhèin leughadh. Fuirich, mionaid. Bidh thu a’ falbh dhan obair aig cairteal gu còig. Dè bhios tu a’ dèanamh anns an Dùbhlachd? I really enjoy reading. Wait, a minute. You go to work at a quarter to five. What do you do in December?
Cha bhi mi a’ gabhail an trèan. Bidh mi a’ siubhal dhan obair le càr. Cha bhi mi a’ leughadh anns a’ chàr, bidh mi a’ dràibheadh. I don’t take the train. I travel to work by car. I don’t read in the car, I drive.