See Lesson Content

Day-to-day

A1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Càit am bi Anna a’ sgrìobhadh a h-uile latha?

Where does Anna write every day?

Let’s have a look at this conversation. By the end of this short section, you will be able to have this conversation! 

Thuirt sibh gum bi sibh a’ sgrìobhadh a h-uile latha. Càit am bi sibh a’ sgrìobhadh? You said you write every day. Where do you write?
Bidh mi a’ sgrìobhadh ann am bothan anns a’ ghàrradh. I write in a shed in the garden.
Dè eile bhios sibh fhèin a’ dèanamh gach latha? What else do you do every day?
Bidh mi ag èirigh, ag ithe, a’ siubhal, ag obair agus a’ cadal. I get up, eat, travel, work and sleep.
Nach Istibh sibh! Won’t you be quiet!
Tha mi duilich, Iain. I’m sorry, John.
Am bi sibh a’ gabhail bracaist a h-uile latha? Do you have breakfast every day?
Bidh! Yes!
Cuin a bhios sibh a’ gabhail bracaist? When do you have breakfast?
Bidh mi a’ gabhail bracaist aig seachd uairean ach cha toil leam a bhith ag ithe cho tràth ri sin. I have breakfast at seven o’clock but I don’t like to eat as early as that.
Cuin as toil leibh a bhith a’ gabhail bracaist? When do you like to have breakfast?
Is toil leam a bhith a’ gabhail bracaist aig deich uairean sa mhadainn. I like to have breakfast at ten in the morning.
Càit am bi sibh a’ gabhail bracaist? Where do you have breakfast?
Bidh mi a’ gabhail bracaist ann am bothan anns a’ ghàrradh. I have breakfast in a shed in the garden.
Cuin a bhios sibh a’ siubhal dhan obair? When do you travel to work?
Bidh mi a’ siubhal dhan obair aig ochd uairean sa mhadainn. I travel to work at eight in the morning.
Ciamar a bhios sibh a’ siubhal dhan obair? How do you travel to work?
Bidh mi a’ dràibheadh dhan sgoil. I drive to school.
Am bi sibh a’ gabhail lòn gach latha? Do you have lunch every day?
Cha bhi. Bidh mi ag ithe lòn aig an sgoil ach bidh mise a’ gabhail bracaist mhòr aig an taigh agus cha bhi mi ag ithe lòn. No, I don’t. I eat lunch at the school but I have a big breakfast at home and I don’t eat lunch.