A1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Dè cheannaich Anna?

What did Anna buy?

Let’s have a look at this conversation. By the end of this short section, you will be able to have this conversation! 

Anna! Ciamar a tha sibh? Anne! How are you?
Chan eil sgillinn ruadh agam ach tha mi gu math, ceud taing. Ciamar a tha thu fhèin? I don’t have a red penny left but I’m well, a hundred thanks. How are you yourself?
Tha mi nas fheàrr, mòran taing. An do cheannaich sibh rudeigin? I am better, many thanks. Did you buy something?
An do cheannaich mi rudeigin? Cheannaich mi a h-uile rud! Cheannaich mi cus! Did I buy something? I bought everything! I bought too much!
Dè cheannaich sibh? What did you buy?
Cheannaich mi sgiort phinc, còta dubh agus dreasa ghlas. I bought a pink skirt, a black coat and a grey dress.
Càit an do cheannaich sibh iad? Where did you buy them?
Cheannaich mi iad ann am bùth Mhàiri. I bought them in Mary’s shop.
A bheil bùth aig Màiri? Cuin a cheannaich i bùth? Does Mary have a shop? When did she buy a shop?
Chan eil fios agam. Ciamar a cheannaich i bùth? Bha mi a’ smaoineachadh gun robh i ag obair ann an sgoil. I don’t know. How did she buy a shop? I thought she worked in a school.
Nach do cheannaich sibh còta an t-seachdain sa chaidh? Didn’t you buy a coat last week?
Cha do cheannaich mi còta an t-seachdain sa chaidh. Cheannaich mi seacaid dhearg. I didn’t buy a coat last week. I bought a red jacket.
Is toil leam ur seacaid sin. I like that jacket of yours.
An toil leat mo chòta ùr? Do you like my new coat?
Dè na bha e? How much was it?
Tha e snog. Bha e ochdad ‘s a còig notaichean. It is nice. It was eighty five pounds.
Cuin a cheannaich sibh còta mu dheireadh? When did you last buy a coat?
Cheannaich mi còta fichead latha air ais! I bought a coat twenty days ago!
Chan eil sibh glic! You are not wise!