A2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription - Air-loidhne: daoine agus dàimhean

Bilingual transcription - Online: people and relationships

SEUMAS

Bi sàmhach a Ruairidh! Air do shocair!

(Be quiet Ruairidh!  Calm down!)

AILIS

A bheil pàrtaidh agad an-diugh a Sheumais?

(Are you having a party today Seumas?)

SEUMAS

Tha pàrtaidh co-là-breith anns an taigh seo an-diugh. Tha an co-là-breith aig mo mhac Ruairidh ann an-diugh.

(There is a birthday party in this house today.  My son Ruairidh has a birthday today.)

ANNDRA

Dè an aois a tha Ruairidh?

(What age is Ruairidh?)

SEUMAS

Tha Ruairidh còig an-diugh, còig bliadhna a dh’aois.

(Ruairidh is five today, five years old.)

CATRÌONA

Nach eil nighean agad cuideachd?

(Don’t you have a daughter as well?)

SEUMAS

Tha. Tha dithis chloinne agam. Tha Peigi trì bliadhna a dh’aois. Tha an co-là breith aig Peigi ann air Là na Nollaig.

(Yes. I have two children. Peggy is three years old. Peggy’s birthday is on Christmas Day.)

AILIS

Tha sin snog! Dè an aois a tha thu a Sheumais!

(That’s nice.  How old are you Seumas?)

SEUMAS

Tha mi trithead Ailis – dè an aois a tha thu fhèin?

(I’m thirty Ailis, how old are you?)

AILIS

Tha mise fichead bliadhna ‘s a dhà!

(I’m twenty-two!)

SEUMAS

Tha thu òg!

(You’re young!)

AILIS

                        Agus tha Felix an cat agam aon bliadhna deug a dh’aois.

(And Felix my cat is eleven years old.)

CATRÌONA

Chan eil Felix òg!

(Felix isn’t young!)

ANNDRA

Tha mise fichead bliadhna ‘s a sia.  Tha Carla mo chèile fichead bliadhna sa sia cuideachd.

(I’m twenty six.  My partner Carla is twenty six as well.)

SEUMAS

Dè an aois a tha thusa a Chatrìona?

(How old are you Catriona?)

CATRÌONA

Tha mise ceathrad bliadhna ‘s a còig. Bidh mi ceathrad bliadhna ‘s a sia as t-fhoghar – air oidhche Shamhna!

(I’m forty five.  I’ll be forty six in the Autumn – on Halloween!)

AILIS

Woo-oo!

(Woo-oo!)

CATRÌONA

Tha an co-là-breith aig mo mhàthair air an latha seo cuideachd. Tha mo mhàthair seasgad bliadhna ‘s a h-ochd.

(My mother’s birthday is on that day as well.  My mother is sixty eight.)

AILIS

Dè an aois a tha d’ athair.

(How old is your father?)

CATRÌONA

Tha esan seachdad bliadhna a dh’aois.

(He’s seventy years old.)

RUAIRIDH (VO)

Trobhadaibh Dad!

(Come on Dad!)

SEUMAS

Tha mi duilich a chàirdean! Gabhaibh mo leisgeul. Feumaidh mi falbh. Tìoraidh!

(I’m sorry, friends!  Excuse me.  I have to go. Bye!)

Party poppers explode around SEUMAS’s head

AILIS, CATRÌONA & ANNDRA

Tìoraidh a Sheumais! Meal do naidheachd a Ruairidh!

(Bye Seumas!  Congratulations Ruairidh!)