A2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Càit a bheil do mhàthair a' fuireach?

Take two: Where does your mother live?

Let’s have a look at this conversation again.  

Innsidh mi dhut mu dheidhinn an teaghlaich gu lèir! Bràithrean is peathraichean, m’ athair ‘s mo mhàthair, seanmhairean is seanairean. Agus oghaichean agus co-oghaichean. Bheir e ùine! Let me tell you about the whole family: brothers and sisters, my mum and my dad, grannies and grampas – and grandchildren and cousins. It’ll take a while!
Nach tòisich sinn aig an toiseach, ma-thà? Do mhàthair. Càit a bheil i a’ fuireach? Why don’t we start at the beginning, then. Your mother. Where does she live?
Tha i a’ fuireach ann an Halifax. She lives in Halifax.
Seadh. Agus a bheil i air a bhith a’ fuireach ann an Sasainn fada? Uhuh. And has she been living in England for a while?
Chan ann an Sasainn a tha i a’ fuireach! ‘S ann an Halifax, Alba Nuadh a tha i a’ fuireach an-dràsta! She doesn’t live in England! She lives in Halifax, Nova Scotia just now!
[gàire beag] Ò tha mi a’ tuigsinn! Agus a bheil i air a bhith a’ fuireach ann an Alba Nuadh fada? Oh, I get it! And has she been living in Nova Scotia for a while?
Uill, dìreach airson bliadhna. Well, just for a year.
Agus dè bhios i a’ dèanamh thall an sin? Làithean-saora? No a bheil obair aice? And what does she do there? Holidays? Or does she have a job?
‘S e tidsear a th’ innte. Tha i ag obair ann am bun-sgoil an sin, a’ teagasg Gàidhlig. She’s a teacher. She works in a primary school teaching Gaelic.
Bhiodh sin inntinneach! Agus dè cho tric ‘s a bhios i a’ faighinn dhachaigh? That would be interesting! And how often does she get back home?
Ò cho tric ‘s as urrainn dhi. Ach bidh i a’ tilleadh dhachaigh as t-samhradh. Oh, as often as she can. But she’ll be coming home in the summer.
Agus a bheil d’ athair a’ fuireach ann an Canada cuideachd? And does your father live in Canada as well?
Chan eil. Dh’fhuirich esan ann an Dùn Èideann. ‘S e tidsear th’ ann cuideachd. No. He stayed (behind) in Edinburgh. He’s a teacher as well.
A bheil taigh aca an sin? Do they have a house there?
Tha. Tha taigh aca an sin. Tha mo sheanmhair a’ fuireach ann cuideachd. Yes. They have a house there, and my granny also lives there.
Agus dè cho tric ‘s a bhios tu a’ faicinn do sheanmhair? And how often do you see your granny?
Bidh mi a’ faicinn Granaidh a h-uile seachdain. Agus bidh m’ athair a’ faicinn Granaidh a h-uile latha. I see Granny every week. And my father sees Granny every day.
Agus an do rugadh do sheanmhair ann an Dùn Èideann? And was your granny born in Edinburgh?
Cha do rugadh. Rugadh i ann am Barraigh. Ach thogadh i ann am Barraigh agus Dùn Èideann. No. She was born in Barra, but she was brought up in Barra and Edinburgh.
Agus dè cho tric ‘s a bhios i a’ tilleadh a Bharraigh? And how often does she get back to (return to) Barra?
Och, dìreach bho àm gu àm. B’ fheàrr leatha a bhith a’ fuireach ann am Barraigh! Ah, only from time to time. She’d prefer to live in Barra.