A2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Dè mu dheidhinn an teaghlaich agad fhèin?

Take two: What about your own family?

Sin thu fhèin, a Mhairead. Dè tha thu ris? There you are, Mairead (Margaret). What are you doing?
Halò, Anna. Tha mi dìreach a’ cur cairt gu mo bhràthair, Calum. Bidh co-là-breith aige Diluain sa tighinn. Hallo, Anna. I’m just sending a card to my brother, Calum (Malcolm). It will be his birthday this (next) Monday.
Cha robh fhios agam gun robh bràthair agad. I didn’t know you had a brother.
Ò tha gu dearbh. Tha triùir bhràithrean agam: dithis bhràithrean agus leas-bhràthair. Oh I certainly do (have). I have three brothers: two brothers and a step-brother.
Agus a bheil peathraichean agad? And do you have (any) sisters?
Tha gu dearbh! Tha ceithir – uill, ceathrar – pheathraichean agam: triùir pheathraichean a tha fad nas sine na mise agus leas-phiuthar òg a tha fhathast sa bhun-sgoil. I certainly do! I have four – well, four sisters: three sisters who are much older than I am, and a young step-sister who is still in primary school.
Abair teaghlach mòr! What a big family!
Agus, thusa, Anna. Dè mu dheidhinn an teaghlaich agad fhèin? D’ athair? Do mhàthair? A bheil bràthair no piuthar agad? A bheil clann agad? Nighean no mac? And you, Anna, what about your family? Your father, your mother? Do you have children? A girl (daughter) or a boy (son)?
Uill, chan eil clann agam (fhathast) ach innsidh mi dhut mu dheidhinn an teaghlaich gu lèir! Bràithrean is peathraichean, m’ athair ‘s mo mhàthair, seanmhairean is seanairean. Agus oghaichean agus co-oghaichean. Bheir e ùine! Well, I don’t have children (yet), but let me tell you about the whole family: brothers and sisters, my mum and my dad, grannies and grampas – and grandchildren and cousins. It’ll take a while!