See Lesson Content

Out and About

A2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Nach tig thu dhan taigh-dhealbh còmhla rinn?

An dàrna turas: Won't you come to the cinema with us?

Let’s have a look at this conversation again.  

Nach tig thu dhan taigh-dhealbh còmhla rium a-rithist, Diardaoin? Won’t you come to the cinema with me again, on Thursday?
Thig. Dè am film a bhios ann? I will (come). What’s the film?
Gaisgich na Gàidhealtachd. Highland Heroes.
Thig gu dearbh! Chan fhaca mi sin roimhe. I will indeed! I haven’t seen that before.
Nach toir sinn cuireadh do dh’Anna … agus do dh’Iain? Will we invite (give an invitation to) Anne … and to John?
Bheir. Bhiodh sin math. We will. That would be good.
Cuiridh mi teacsa gu Anna an-dràsta. I’ll send Anne a text just now.
Saoil an tig iad gu biadh còmhla rinn an dèidh làimhe? I wonder if they’ll come for a meal with us afterwards?
Tha mi ‘n dòchas gun tig. Èist ri seo: ‘Nach tig thu dhan taigh-dhealbh còmhla rinn – mi fhìn agus Fionnlagh – feasgar Diardaoin?’ I hope they will. Listen to this: ‘Won’t you come to the cinema with us – myself and Finlay – on Thursday evening?’
Thig. Tapadh leat agus tapadh leibh! Thig mi fhìn agus leigidh mi fios gu Iain. Chì mi ann sibh! I will (come). Thank you (singular) and thank you (both/plural). I (myself) will come and I will let John know. I’ll see you there.
‘Iain chòir, am bi thu saor feasgar Diardaoin? Nach tig thu dhan taigh-dhealbh còmhla rium fhìn, Màiri agus Fionnlagh? Dùrachdan, Anna.’ ‘Dear John, are/will you be free on Thursday evening? Won’t you come to the cinema with me (myself), Mary and Finlay? Best wishes (sincerely), Anne.’
Nise, a Mhàiri, dè bhios sinn a’ dèanamh feasgar Dihaoine? Now, Mary, what will we do on Friday evening?
An tig thu gu pàrtaidh còmhla rium? Thug Mairead cuireadh dhomh. Bidh pàrtaidh ann an taigh Dhòmhnaill. Will you come to a party with me? Margaret invited me (Margaret gave me an invitation) there’s a party at Donald’s house.
Thig. Bhiodh pàrtaidh math! I will. A party would be good!