See Lesson Content

Home

A1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription - Dachaigh ùr: An taigh ùr

Bilingual transcription - New home: The new home

The residents in the new house discuss their new home.

Halò a Ghranaidh, ciamar a tha sibh? Hello Granny, how are you?
O..o.. dad ort.. halò…dè… Halò! Oh.. oh.. hang on.. hello.. what.. Hello!
Halò, sin sibh! Ciamar a tha sibh? Hello, there you are! How are you?
Tha mi gu math, tapadh leibh. Ciamar a tha sibh fhèin? I’m good, thank you. How are you?
Tha sinn gu dòigheil, taing. We’re good, thanks.
Agus a Mhàrtainn, cò ris a tha an taigh ùr agad coltach? And Martin, what’s your new house like?
Tha an taigh ùr brèagha a Ghranaidh, agus tha e mòr. The new house is lovely Granny, and it’s big.
A bheil gàrradh agad? Do you have a garden?
Tha. Yes.
Agus cò ris a tha an seòmar-cadail agad coltach? And what’s your bedroom like?
Tha an seòmar-cadail agam mòr. Tha dà leabaidh ann, agus dà uinneag – uinneag bheag agus uinneag mhòr. Tha dath gorm air. My bedroom is big. It has two beds, and two windows – a small window and a big window. It’s blue.
A bheil e… Is it…
Agus a Ghranaidh, tha dà thaigh-beag anns an taigh ùr. And Granny, there are two toilets in the new house.
Tha sin math! That’s good!
Agus… And…
Tha seòmar-cadail ann dhuibh! There’s a bedroom for you!
Tapadh leat a Mhàrtainn. Agus a Mhàiri, cò ris a tha an gàrradh ùr coltach? Thank you Martin. And Mary, what’s the new garden like?
Tìoraidh a Ghranaidh! Bye Granny!
Tìoraidh a Mhàrtainn. Bye Martin.
Tha gàrradh brèagha againn. We have a lovely garden.
O tha sin brèagha, agus mòr. Oh that is lovely, and big.
Tha tòrr chraobhan anns a’ ghàrradh! There are lots of trees in the garden!
Tha! Tha tòrr chraobhan anns a’ ghàrradh! Yes! There are lots of trees in the garden!
Cha robh craobhan anns a’ ghàrradh againne ann an Leòdhas. Agus cha robh dà thaigh-beag againn! There were no trees in our garden in Lewis. And we didn’t have two toilets!