A2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Tha an taigh na bhùrach!

Take two: The house is a mess!

Let’s have a look at this conversation again.

Dè an togalach a tha sin aig ceann a’ ghàrraidh? What’s that building at the end of the garden?
‘S e sin Am Bothan – uill – an t-seada agam. Sin far am bi mi a’ sgrìobhadh. That’s The Bothy – well – my shed. That’s where I write.
Nuair a bha mise beag, sin far an robh mo sheanair a’ cumail an lomaire aige. Bha am feur a’ fàs gu math luath as t-samhradh. When I was wee, that’s where my grampa would keep his mower. The grass grew very quickly in the summer!
Uill, bidh mi a’ cumail an lomaire agus na h-innealan eile san t-seann bhàthach aig ceann eile a’ ghàrraidh. Well, I keep my mower and the other tools in the old byre at the other end of the garden.
Tha mi ga faicinn. Ò seall! Tha an t-uisge ann. I see it. Oh, look! It’s raining.
Tha gu dearbh! Thugainn! Fhionnlaigh, tha sinn a’ dol a-steach a-rithist! It is indeed. Come on! Finlay, we’re going inside again!
Dìreach a’ tighinn! Chuir mi an càr a-steach dhan gharaids. Just coming! I put the car into the garage.
Tha an taigh na bhùrach! Tha a h-uile seòmar cho mì-sgiobalta. Mar is trice, bidh mi a’ sgioblachadh an taighe a h-uile seachdain. Na seòmraichean-cadail, a h-uile Diciadain. Agus na h-uinneagan agus na taighean-beaga – bidh mi gan glanadh gach Disathairne, ach ‘s e Dihaoine a th’ ann an-diugh! The house is a mess! Every room is so untidy. I usually tidy the house every week. The bedrooms every Wednesday … and the windows and the toilets – I usually clean them every Saturday, but it’s Friday today!
Na gabh dragh! Don’t worry!
Thèid sinn a-steach don t-seòmar-suidhe. Tha sin sgiobalta agus chan eil an t-ùrlar ro shalach. We’ll go into the sitting room. That’s tidy and the floor isn’t too dirty.
Tha seo fada nas fheàrr. Tha an taigh agad cho sàmhach agus cho ciùin, air falbh bhon uisge. This is much better. Your house is so quiet and so calm, away from the rain.
Tha an seòmar-suidhe agad grinn! ‘S toil leam an t-sòfa bhuidhe … agus na cuiseanan buidhe agad! Your sitting room is pretty (elegant). I like your yellow sofa … and your yellow cushions!
Tapadh leat! Oh! Seall! Tha i a’ dòrtadh a-nis! Bidh an nigheadaireachd agam fliuch … agus salach! Thanks! Oh look! It’s pouring now! My washing will be wet and … dirty!