Can you sing?

An urrainn dhut seinn?

Let's have a look at this discussion. By the end of this section, you will be able to have this conversation! It's full of useful phrases that you can adapt to suit a whole range of situations.

chat avatar

Fhionnlaigh, an urrainn dhomh an iPad agad a chleachdadh?

Finlay, can I use your iPad?

chat avatar

'S urrainn, gu dearbh. Tha e air agus a' teàirrdseadh. Carson?

You can indeed. It's on and charging. Why?

chat avatar

Tha an coimpiutar agam aig an taigh. Agus feumaidh mi foirm a lìonadh air loidhne—ro chòig uairean an diugh.

My computer's at home. And I have to fill in this form online—before five o'clock today.

chat avatar

Seo dhut!

Here you are!

chat avatar

Mìle taing. Tha cabhag orm.

A thousand thanks. I'm in a hurry.

chat avatar

'S e do bheatha.

You're welcome.

chat avatar

Nise, Fhionnlaigh, an urrainn dhut seinn?

Now, Finlay, can you sing?

chat avatar

Chan urrainn. Tha ùidh agam ann an ceòl, ge tà.

I can't (sing). I have an interest in music, though.

chat avatar

A bheil? Nach urrainn dhut ionnsramaid a chluich?

Do you? Can't you play an instrument?

chat avatar

Chan urrainn dhomh, gu mì fhortanach. 'S urrainn dhomh rudeigin a chluich, ach chan e ionnsramaid a th' ann.

No, unfortunately. I can play something, but it's not an instrument.

chat avatar

Dè th' ann?

What is it?

chat avatar

'S urrainn dhomh iomain a chluich. Agus bidh mi ga cluich a h-uile Disathairne!

I can play shinty. And I play it every Saturday!

chat avatar

Hà hà. Tha mi a' tuigsinn. Uill, 's urrainn dhut dràibheadh, nach urrainn?

Ha, ha. I get it. Well, you can drive, can't you?

chat avatar

'S urrainn dhomh bhan a dhràibheadh. Nach eil cuimhn' agad air a' bhan bhuidhe agam?

I can drive a van. Don't you remember my yellow van?

chat avatar

Tha cuimhn' agam. Cha tèid agam air dràibheadh na làithean seo. Saoil an urrainn dhut lioft a thoirt dhomh a Phort Rìgh anns an Dàmhair? Tha mi a' dol chun a' Mhòid am bliadhna!

I do remember. I can't drive at the moment (these days). I wonder if you could give me a lift to Portree in October? I'm going to the Mod this year.

chat avatar

'S urrainn gu dearbh! Abair splaoid a bhios againn!

I can indeed. What a trip we'll have!

DISPLAYNAME