See Lesson Content

Ionnsachadh

B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Cò às a tha iad?

Take two: Where are they from?

Let’s have a look at this conversation again.

Dè na cùrsaichean ùra a th’ agaibh? What are the new courses?
Uill, tha mòran airson a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig. Well, many want to be learning Gaelic.
Cò iad? Cò às a tha iad? Who are they? Where are they from?
Tha oileanaich againn ann an clasaichean aghaidh ri aghaidh, mar a tha thu fhèin, ach tha thusa ag ionnsachadh (na) Fraingis! We have students in face to face classes, as you are, but you’re learning French!
Seadh … Tha a’ Ghàidhlig agam mar-thà! Indeed … I’ve got Gaelic already!
Agus tha mòran oileanach air astar, air-loidhne. Tha cuid airson a bhith fileanta, ach tha cuid airson beagan ionnsachadh mu dhualchas an sinnsirean. And there are a lot of distance learning students, online. Some want to be fluent, but some want to learn a little bit about the heritage and traditions of their ancestors.
A bheil cùrsaichean aig diofar ìrean agaibh, ma-thà? Do you have classes at different levels, then?
Tha gu dearbh. Agus tha feadhainn againn le tiotalan annasach, mar: A’ Leughadh an Leabhair … We do indeed. And we have some with some very unusual titles, such as: Reading the Book …
Seadh! Indeed!
… A’ Sgrìobhadh na Litreach, agus an cùrsa goirid seo: A’ Cur na Gàidhlig air an t-Seantans! … Writing the Letter; and this short course: Translating the Sentence into Gaelic!
Dè as fheàrr leibh pèin? A’ teagasg air-loidhne no aghaidh ri aghaidh? What do you prefer yourself? Teaching online or face to face?
Uill, tha an dà chuid math, nam bheachd-sa. Well, both are good, in my opinion.
Innis dhomh! Tell me!
‘S e rud prìseil a th’ ann an air-loidhne no air astar: oileanaich nach fhaigh an cothrom tighinn a dh’Alba. Tha e comasach do bharrachd dhaoine a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig. Online or distance learning is a precious thing: students who won’t get a chance to come to Scotland. It’s possible for more people to learn Gaelic.
Agus aghaidh ri aghaidh? And face to face?
Uill tha thu a’ coinneachadh ri daoine, agus tha conaltradh nas fheàrr, uaireannan. Tha àite ann airson na dhà! Well, you’re meeting people, the communication is better, sometimes. There’s a place (home) for both!