See Lesson Content

Seasons

A2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Cuin a bhios do cho-là-breith?

Take two: When is your birthday?

Cuin a bhios do cho-là-breith? When is your birthday?
Tha mo cho-là-breith anns an Iuchar. Cuin a bhios an co-là-breith agad fhèin? My birthday is in July. When is your birthday?
Tha an co-là-breith agam fhìn air an latha no oidhche as fhèarr den bhliadhna, Oidhche na Taigeise! My own birthday is on the best day, or night, Haggis Night!
A bheil do cho-là-breith anns an t-Samhain? An e Là Naomh Anndra a th’ ann? Is your birthday in November? Is it Saint Andrew’s Day?
Chan e! No!
Dè bhios tu a’ dèanamh air do cho-là-breith? What do you do on your birthday?
Bidh mi ag ithe deagh bhiadh, ag òl agus ag èisteachd ri sgeulachdan is bàrdachd. I eat good food, drink and listen to stories and poetry.
Ò seadh, Oidhche Challainn! Ah aye, Hogmanay!
Chan e. Bidh èideadh spaideil orm. No. I wear a smart outfit.
À, Oidhche Shamhna … no Là nam Pòg? Ah aye, Halloween … or St Valentine’s Day?
Chan e. Dè bhios tu a’ dèanamh air do cho-là-breith? No. What do you do on your birthday?
Bidh mi a’ dol a-null thairis air làithean-saora agus bidh mi ag ithe deagh bhiadh, a’ ruith is a’ rothaireachd agus gam bhlianadh fhèin. Tha mi a’ dol a dhèanamh turas air feadh Majorca am bliadhna. I go abroad on holidays and I eat good food, I run and cycle and sunbathe. I’m going to do a tour of Majorca this year.
Tha e a’ dol a chur an t-sneachd air mo cho-là-breith am bliadhna. Bha flin ann an-uiridh. It’s going to snow on my birthday this year. There was sleet last year.
À, Là na Nollaig. Ah, Christmas Day.
Mìos an dèidh sin. A month after that.
Oidhche Burns! Burns night!
Sin agad e! That’s it!