A1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription - Air-loidhne: Peataichean

Bilingual transcription - Online: Pets

Ailis, Anndra, Seumas and Catrìona all meet up online to describe pets.

Tha Felix cho brèagha. Tha na sùilean aige cho uaine. Felix is so pretty. His eyes are so green.
A bheil peata agad fhèin? Cat no cù? Do you have a pet? A cat or a dog?
Chan eil peata agam. Chan eil cat agam agus chan eil cù agam. I don’t have a pet. I don’t have a cat and I don’t have a dog.
Nach toil leat peataichean? Do you not like pets?
Is toil leam cait ach ’s e coin as fheàrr leam. Chan eil peata agam ge-tà. Tha mi a’ fuireach ann am flat beag. I like cats but I prefer dogs. I don’t have a pet though. I live in a small flat.
Anndra, a bheil peata agadsa? Andrew, do you have a pet?
Tha, tha peata agam. Tha peataichean agam. Tha coin agam. Yes, I have a pet. I have pets. I have dogs.
Cia mheud cù a th’ agad? How many dogs do you have?
Tha trì coin againn. Tha dà chù aig Carla agus tha aon chù agamsa. Tha trì coin againn! We have three dogs. Carla has two dogs and I have one dog. We have three dogs.
Tha coin aig mo phàrantan. Tha dà chù aca. My parents have dogs. They have two dogs.
A Sheumais, a bheil peataichean agadsa? James, do you have pets?
A bheil peataichean agam?! Ha! Tha balach agus nighean agam, agus tha peata aig a h-uile duin’ againn! Tha cù agus dà chat againn. Tha dà choineanach againn, tha dà ghearra-mhuc againn agus tha iasg againn. Tha tanca làn èisg againn. Do I have pets?! Ha! I have a boy and a girl and every one of us has a pet! We have a dog and two cats. We have two rabbits, two guinea pigs and we have fish. We have a tank full of fish.
An toil leat peataichean ma tha? Do you like pets then?
’S toil leam a h-uile peata. I like every pet.
Tha sin math. Anndra, a bheil croit agad? That’s good. Andrew, do you have a croft?
Tha croit bheag againn. We have a small croft.
A bheil stoc agaibh? A bheil caoraich no crodh agaibh? Do you have livestock? Do you have sheep or cattle?
Chan eil crodh againn. Tha caoraich againn. We don’t have cattle. We have sheep.
Cia mheud caora a th’ agaibh? How many sheep do you have?
Tha fichead caora againn agus tha cearcan againn. We have twenty sheep and we have hens.
A bheil coileach agaibh? Do you have a cockerel?
Tha coileach again, coileach mòr. ’S e Elvis an t-ainm a th’ air. We have a cockerel, a big cockerel. His name is Elvis.