A1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: A bheil peataichean agaibh?

Take two: Do you have pets?

Look at the conversation again:

An toil leat peataichean? Do you like pets?
Is fìor thoil leam peataichean. I really like pets.
Dè am beathach as fheàrr leat? What is your favourite animal?
Is fheàrr leam luchan beaga laghach. My favourite are nice wee mice.
A bheil luchan agaibh? A bheil peataichean agaibh? Do you have mice? Do you have pets?
Tha peataichean agam. Tha beathaichean agam cuideachd. I have pets. I have animals too.
Cia mheud peata is beathach a th’ agaibh? How many pets and animals do you have?
Tha dà chù agam, cat beag laghach cuideachd agus tha caoraich, cearcan is bò agam. I have two dogs, a nice wee cat too and I have sheep, chickens, and a cow.
Dè na h-ainmean a tha orra? What are their names?
’S e Dìleas an t-ainm a tha air a’ chù-chaorach, ’s e Oighrig an t-ainm a tha air cù beag an taighe, ’s e peata a th’ innte agus chan eil ainmean air an fheadhainn eile. Tha Dìleas math air obair. A bheil peata agad fhèin? Dìleas (Faithful) is the name of the sheepdog, Effie is the name of the wee house dog, she’s a pet and the others don’t have names. Dìleas is good at work. Do you have a pet yourself?
Chan eil. Tha an taigh agam ro bheag. Tha mi a’ smaoineachadh gum bi ialtag, nathair no each mòr làidir math. No, my house is too wee. I think that a bat, a snake or a big, strong horse will be good.
Madainn mhath. Is mise Seumas Dòmhnallach. Tha am poileas a’ coimhead airson duine anns an Eilean Sgitheanach. Fhuair e tòrr bheathaichean anns a’ bhùth ann an Dùn Bheagain. Fhuair e nathraichean, radain, cailleach-oidhche agus coineanach. Cha do phàigh e sgillinn ruadh. ‘S e duine mòr èibhinn a th’ ann le falt bàn is feusag mhòr bhàn air. Bha geansaidh buidhe, briogais bhuidhe air agus bha càr mòr, buidhe aige cuideachd. Good morning. I am James MacDonald. The Police are searching for a man in Skye. He got a lot of animals in the shop in Dunvegan. He got snakes, a rat, an owl and a rabbit. He didn’t pay a brown penny. He is a big, funny man with blonde hair and a big blonde beard. He also wore a yellow jumper, yellow trousers and had a big yellow car too.
Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil an duine sin uabhasach coltach ri Fionnlagh. I think that man is awfully like Finlay.
Chan eil Fionnlagh cho gòrach ri sin. Finlay is not as daft as that.