A1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription - Dachaigh ùr: Òrdughan

Bilingual transcription - New home: Orders

The neighbours tell each other what to do!

Fuirich! Suidh sìos! Glè mhath! Stay! Sit down! Very good!
Gabh mo leisgeul a Mhàrtainn. Dè tha thu a’ dèanamh? Excuse me Martin, what are you doing?
Tha Màrtainn a’ faighinn deiseil airson caraid ùr! Martin’s getting ready for a new friend!
Ò. Cò? Oh. Who?
Tha sinn a’ faighinn peata! An-dè bha Màrtainn ag iarraidh cat! An-diugh, tha Màrtainn ag iarraidh cuilean… We’re getting a pet! Yesterday Martin wanted a cat! Today, Martin wants a puppy…
Bidh spòrs agaibh le cuilean! You’ll have fun with a puppy!
Ma gheibh sinn cuilean! If we get a puppy!
Tha mi a’ dol ga thrèanadh. Siuthad! Thig an seo! Èist rium! Thig an seo! I am going to train it. Go on! Come here! Listen to me! Come here!
Siuthad! Laigh sìos! Math fhèin! Go on! Lie down! Very good!
Tha an cù sin modhail. Cùm ort a Mhàrtainn. That dog is well behaved. Carry on Martin.
Gabh mo leisgeul Elsie. Excuse me Elsie.
Fuirich! Laigh sìos! Math fhein! Stay! Lie down! Very good!
A Mhàrtainn, trobhad! Martin, come here!
Thig an seo! Greas ort! Come here! Hurry up!
Nise, suidh sìos! Now, sit down!
Ach a Mham! But Mum!
Fuirich! Gabh air do shocair! Wait! Take your time!
Greasaibh oirbh! Hurry up!
Shhh, na can guth! Deiseil? Shhh, don’t say anything. Ready?
Awww. Awww.
Hamstairean dhut a Mhàrtainn! Seo na peataichean ùra againn. Hamsters for you Martin! These are our new pets.
Awwww! Tha iad cho brèagha! Tha iad tòrr nas fheàrr na cuilean! Awwww! They are so nice! They’re much better than a puppy!