A1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription - Anns a’ phàirc: Teaghlaichean

Bilingual transcription - In the park: Families

Friends Emma, Michael and Seonaidh catch up in the park and discuss their families.

A bheil clann agaibh a Sheonaidh? Do you have children Johnny?
Tha, tha clann agam. Tha dithis agam. Tha mo mhac, Uilleam, a’ fuireach ann an Astràilia. Agus tha mo nighean, Maria, a’ fuireach anns an Fhraing. Yes, I have children. I have two. My son, William, lives in Australia. And my daughter, Maria, lives in France.
A bheil Uilleam pòsta? Is William married?
Bha e pòsta. Chan eil e pòsta a-nise ach tha cèile aige. He was married. He’s not married now but he has a partner.
A bheil clann aig Uilleam? Does William have children?
Tha mac aig Uilleam, aon mhac. ’S e Omar an t-ainm a th’ air. Tha Omar ‘s a mhàthair a’ fuireach ann an Sasainn. William has a son, one son. His name is Omar. Omar and his mother live in England.
A bheil an nighean agaibh pòsta? Is your daughter married?
Tha Maria pòsta agus tha clann aice. Tha dithis aice. Aon mhac agus aon nighean, Jean agus Sophie. Maria is married and she has children. She has two. One son and one daughter, Jean and Sophie.
Brèagha! Lovely!
A bheil peathraichean is bràithrean agad fhèin, Emma? Do you have sisters and brothers Emma?
Chan eil, chan eil piuthar no bràthair agam. No, I don’t have a sister or a brother.
A Mhìcheil? Michael?
Uill, chan eil bràthair agam, ach tha peathraichean agam. Tòrr pheathraichean! Màiri, Catrìona, Tracey agus Ceit. Tha ceathrar agam! Well, I don’t have a brother, but I have sisters. Lots of sisters! Mary, Katherine, Tracey and Kate. I have four!
Uill, uill! Well, well!
A bheil bean agaibh a Sheonaidh? Do you have a wife Johnny?
Chan eil, chan eil bean agam! No, I don’t have a wife!
Uill, uill, a Sheonaidh! Seonaidh MacLeòid! Ciamar a tha thu? Well well, Johnny! Johnny MacLeod! How are you?
Elsie NicIain! Ciamar a tha thu fhèin? Elsie Johnson! How are you?