A1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription - Anns a’ phàirc: Sgilean

Bilingual transcription - In the park: Skills

Friends Emma, Michael and Elie catch up in the park and discuss others’ skills.

Haidh Elsie, ciamar a tha sibh? Hi Elsie, how are you?
Tha mi gu math, taing. Tha i brèagha an-diugh. I’m well, thank you. It’s lovely today.
Tha. A bheil Seonaidh gu math? Yes. Is Johnny well?
Tha e gu math. Tha e anns a’ bhùth. Tha e a’ ceannach biadh. He’s well. he’s in the shop. He’s buying food.
A bheil Seonaidh math air còcaireachd? Is Johnny good at cooking?
Tha e fìor mhath air còcaireachd. He’s very good at cooking.
A bheil sibhse math air còcaireachd. Are you good at cooking?
Tha mi ceart gu leòr air còcaireachd ach tha Seonaidh nas fheàrr. I’m good enough at cooking but Johnny is better.
Tha sibh a’ leughadh leabhar Gàidhlig. An toil leibh a bhith a’ leughadh anns a’ Ghàidhlig? You’re reading a Gaelic book. Do you enjoy reading in Gaelic?
’S toil. Tha na faclan cho brèagha. A bheil mòran Gàidhlig agaibh? I do. The words are so lovely. Do you have much Gaelic?
Tha mòran aig Mìcheal! Tha esan math air Gàidhlig. Michael has lots! He’s good at Gaelic.
Tha mi nas fheàrr air Fraingis. A bheil Fraingis agaibh? I’m better at French. Do you have French?
Tha beagan Fraingis agam ach chan eil mi math air Fraingis. I have a little French but I’m not good at French.
Tha Gearmailtis agam. A bheil Gearmailtis agaibh? I have German. Do you have German?
Chan eil facal Gearmailtis agam ach tha Gàidhlig gu leòr agam! I don’t have a word of German but I have plenty of Gaelic!
’S e Gàidhlig as fheàrr leam. I prefer Gaelic.
Tha Gàidhlig agam, tha Beurla agam agus tha beagan Fraingis agam. I have Gaelic, I have English and I have a little French.
Tha Fraingis agamsa, tha Beurla agam, agus… uill… tha beagan Gàidhlig agam. I have French, I have English and… well… I have a little Gaelic.
Tha Gearmailtis agam, tha Beurla agam agus, tha beagan Gàidhlig agamsa cuideachd. I have German, I have English and I have a little Gaelic.
Tha Gàidhlig gu leòr agaibh. Tha sibh math air Gàidhlig. You have plenty of Gaelic. You’re good at Gaelic.