A1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Cò ris a tha Iain coltach?

Take two: What is John like?

Look at the conversation again

Aw, tha mi cho sona ri luch an lofa. Tha tì agam agus tha ceapaire agam. Nach math sin? Aw, I’m as happy as Larry. I have tea and I have a sandwich. Isn’t that good?
Dè do naidheachd? What is your news?
Ann an mionaid. An tuirt mi riut cò ris a tha mo phiuthar coltach? In a minute. Did I tell you what my sister was like?
A bheil piuthar agad? Cò ris a tha do phiuthar coltach? Do you have a sister? What is your sister like?
Tha dà phiuthar agam. Tha Ealasaid beag agus tha sùilean gorma innte. Tha falt donn oirre. Tha Mòrag beag cuideachd agus tha falt ruadh oirre ach bha falt bàn oirre. Tha sùilean uaine innte. I have two sisters. Elizabeth is small and has blue eyes. She has brown hair. Marion is small too and has red hair but used to have blonde hair. She has green eyes.
Tha sin math. Dè thuirt do phiuthar mun eucoir anns an Eilean Sgitheanach? That’s good. What did your sister say about the crime in Skye?
A bheil bràthair agaibh? Do you have a brother?
Tha! Yes!
Cò ris a tha e coltach? What is he like?
Mo bhràthair? Tha mo bhràthair beag is grànda. Tha feusag mhòr dhubh air agus tha e a’ fàs maol ach tha falt fada air. Tha e sgìth agus crosta. Chan eil e pòsta. Chan eil teaghlach aige. Tha bràmair aige. Tha e beag. Tha e a’ fuireach ann an Inbhir Nis. Dè tha a’ tachairt anns an Eilean Sgitheanach? My brother? My brother is small and ugly. He has a large black beard and he is growing bald but has long hair. He is tired and angry. He is not married. He has no family. He has a sweetheart. He is small. He lives in Inverness. What’s happening on Skye?
Cha tuirt i mòran. Thuirt Eilidh gun robh eucoir ann agus tha am poileas a’ coimhead airson duine. Tha mise a’ coimhead airson bràmair. Tha mi a’ sgrìobadh rudeigin air app. Seall! She didn’t say much. Helen said there was a crime and the police are looking for someone. I am looking for a sweetheart. I am writing something on an app. Look!
“Cò ris a tha thu coltach?” “What are you like?”
Thuirt mi “Tha mi coltach ri Sam Heughan. Tha mi àrd, tha mi tapaidh agus tha falt ruadh orm. Tha feusag ruadh orm cuideachd. Tha sùilean gorma annam. Tha mi eireachdail”. I said “I look like Sam Heughan. I am tall, I am strong and I have red hair. I also have a red beard. I have blue eyes. I am handsome”.
Dè? Dè thuirt thu? Chan eil thu idir coltach ri Sam Heughan. Chan eil thu cho eireachdail ris. Chan eil thu grànda, tha thu ceart gu leòr ach chan eil thu cho àlainn ri Sam Heughan. What? What did you say? You are not at all like Sam Heughan. You are not as handsome as him. You’re not ugly, you’re alright but you’re not as beautiful as Sam Heughan.
“Cò ris a bhios do chèile as fheàrr coltach?” Tha sin furasta! Màiri Mhòr nan Òran no Joy Dunlop. “What would your best partner be like?” That’s easy! Màiri Mhòr nan Òran or Joy Dunlop!
Latha math. Is mise Seumas Dòmhnallach agus tha naidheachd agam bhon Eilean Sgitheanach. Bha eucoir ann an Dùn Bheagain anns a’ mhadainn an-dè agus thuirt am poileas gu bheil iad a’ coimhead airson duine a tha mòr, tha e àrd. Tha falt bàn air agus feusag bhàn air agus sùilean gorma ann. Good day. My name is Seumas Dòmhnallach and I have news from the Isle of Skye. There was a crime in Dunvegan in the morning yesterday and the police said they are looking for a man who is big, he is tall. He has fair hair and a blonde beard and blue eyes.
Tha esan coltach ri do charaid, Fionnlagh. Nach eil? He’s like your friend, Finlay is. Isn’t he?