A1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas. Bidh i math air seinn agus Gàidhlig.

Take two: She would be good at singing and Gàidhlig

Look at the conversation again.

Chan eil Fionnlagh cho àrd riumsa! Finlay is not as tall as me!
Cò ris a bhios do chèile as fheàrr leat coltach? What would your ideal partner be like?
Joy Dunlop no Màiri Mhòr nan Òran. Joy Dunlop or Màiri Mhòr nan Òran.
Ciamar? Chan eil Joy Dunlop coltach ri Màiri Mhòr nan Òran idir. How? Joy Dunlop is not like Màiri Mhòr nan Òran at all.
Tha i. Tha Joy fileanta anns a’ Ghàidhlig agus bha Màiri Mhòr nan Òran fileanta anns a’ Ghàidhlig. Tha Joy math air seinn agus bha Màiri Mhòr! Tha Joy nas òige na Màiri Mhòr! She is. Joy is a fluent Gaelic speaker and Màiri Mhòr nan Òran was a fluent Gaelic speaker. Joy is good at singing and Màiri Mhòr was! Joy is younger than Màiri Mhòr.
A bheil Gàidhlig agad? Do you have Gaelic?
Anna, tha mi fileanta! Tha mi a’ bruidhinn ribh sa Ghàidhlig! Anne, I’m fluent! I am speaking to you in Gaelic!
A bheil cànain eile agad? Do you have any other languages?
Tha Gearmailtis agam. I have German.
A bheil thu da-chànanach? Are you bilingual?
Tha. Yes.
Tha beagan agam fhìn, ach chan eil mòran agus chan eil mi math oirre. I have a wee bit myself, but not much and I am not good at it.
Tha mi ag ionnsachadh Spàinntis an-dràsta. A bheil sibh ag ionnsachadh cànan sam bith eile? I am learning Spanish just now. Are you learning any other languages?
Tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Èireann an-dràsta. I am learning Irish just now.
Glè mhath! Very good!
A bheil thu eòlach air cuideigin aig a bheil Nirribhis, Suainis no Danmhargais? Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil iad nas dorra na cànain eile. Do you know someone who speaks Norwegian, Swedish or Danish? I think they are harder than other languages.
Fionnlagh. Tha esan nas fheàrr na duine sam bith air cànain. Finlay. He is better than anyone else at languages.
Tha e math air dràibheadh cuideachd. A bheil thu math air dràibheadh? He’s good at driving too. Are you good at driving?
Tha. Tha Fionnlagh nas luaithe na mise. Yes. Finlay is faster than me.
Tha mise nas slaodaiche na duine sam bith. Chan eil mi math air dràibheadh. I am slower than anyone else. I am not good at driving.