We'll have to go or we'll be late!

Feumaidh sinn falbh no bidh sinn anmoch!

Let's have a look at this discussion. By the end of this section, you will have learned some valuable phrases that you can use in lots of different conversations.

chat avatar

Mach à seo, a chàirdean! Feumaidh sinn falbh no bidh sinn anmoch!

Get out of here, pals! We'll have to go or we'll be late!

chat avatar

Duda?

Whaaaat?

chat avatar

Cuir car dhìot, Fhionnlaigh!

Move it, Finlay!

chat avatar

Dè tha a' tachairt?

What's happening?

chat avatar

Thugainn, a Mhàiri! Togamaid oirnn!

Come on, Màiri. Let's go!

chat avatar

Och mo cheann! 'S e oidhche mhòr a bha sin a–raoir.

Oh my head! That was a big night last night.

chat avatar

Haoidh, stad thusa!!

Hey, wait a minute!

chat avatar

Tha sinn a’ falbh dhan stèisean! Cuir car dhìot, Iain!

We're going to the station! Move it, John!

chat avatar

Fuirich mionaid. Tha mo cheann fhathast na bhrochan.

Wait a minute. My head's still mince [lit. still porridge].

chat avatar

Leisgeadairean uile! Cia mheud diofar dhòigh a dh'fheumas mi seo a ràdh? Feumaidh sinn falbh sa bhad no caillidh sinn an trèana agus caillidh sinn am plèana, agus caillidh sinn ar làithean–saora.

What a bunch of lazybones! How many different ways must I say this? We'll have to leave at once, or we'll miss the train, and we'll miss the plane, and we'll miss our holiday!

chat avatar

Och, rach a Hiort!

Oh get lost [lit. get to St. Kilda]!

chat avatar

Thalla dhachaigh! Agus thoir do chasan leat!

Go away home! And get lost!

chat avatar

Ach 's e an dachaigh agamsa a tha seo!

But it's my house!

chat avatar

Och, duilich, Anna. Cha robh sinn ach ri fealla–dhà.

Oh, sorry, Anna. We were only joking.

chat avatar

Bha fhios againn gur e do cho–là–breith a bh' ann! Tha sinn deiseil airson falbh—seall!

We knew it was your birthday! We're ready to go—look!