B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Aig an stèisean

Bilingual transcription: At the station

Why not take a trip in the company of Calum MacIlleathain?

Ah. ‘S fìor thoil leam a bhith a’ gabhail cuairt. Sìos, suas, thall no bhos!

Slighe fada romham, am measg nan craobhan, fiadh-bheatha mun cuairt–wildlife all around–fiadh-bheatha mun cuairt. Chan ann oirbhse a tha mi a’ bruidhinn! No, not you guys. I meant them.

Tha na h-eòin a’ ceilearadh–the birds are singing -tha na h-eòin a’ ceilearadh

Tha an ceum seo rud beag dìreach ach bha deagh adhbhar airson a thogail. This is a very straight path, and it was built for a purpose.

Na Ròmanaich?

Cha b’ e na Ròmanaich. It wasn’t the Romans -na Ròmanaich -ged a bha iadsan dèidheil air rathad dìreach.

‘S e loidhne-rèile a bha seo, this was a railway line, ‘s e loidhne-rèile a bha seo. Anns na seasgadan dhen linn a chaidh, thàinig cruth atharrachadh air lìonra rèile Bhreatainn.

Chaidhstèiseanan–stations –stèiseanan agus loidhnichean–lines –loidhnichean a dhùnadh. Agus b’ e seo aon de na slighean-rèile a chaidh a chuir a-mach à cleachdadh–put out of use –a chur a-mach à cleachdadh.

Taghaidhean doirbh dha rìreabh agus cha dèanainsa càil dheth! I can’t decide which pair of walking shoes to get rid of. I know… all shoes are walking shoes.

Ach chan eil mi an seo airson turas a ghabhail sìos lan aig eachdraidheil a-mhàin, oir tha ath-bheothachadh an seo! There’s rejuvenation here, and I don’t just mean the trees and bushes.

Tha mi a’ dol a choinneachadh ri fear a tha mion-eòlach air fàth mo thurais–the purpose of my journey –fàth mo thurais. Nise, ma tha mise dèidheil air a bhith a-muigh, ’s e trèanaichean a tha a’ toirt toileachais dha Alasdair MacCaluim

Hi Alasdair!

Hi Chaluim, ciamar a tha thu?

Tha gu dòigheil.

Math d’ fhaicinn.

If I love the outdoors then Alasdair loves trains. Chan eil càil nas fheàrr leis air làithean dheth na splaoid air an trèana-an outing on the train –splaoid air an trèana.

Alasdair, nach innse thu dhuinn, càite a bheil sinn an-dràsta?

Tha sinn ann am Bruach Thuaidh no Tweedbank anns na Crìochan. Seo deireadh an loidhne far a bheil Park ‘n’ Ride agus far a bheil busaichean a’ coinneachadh ri trèanaichean ‘s mar sin air adhart.

Agus ‘s e loidhne ùr a tha seo, no an e seann loidhne a th’ ann?

An dà chuid. Sean agus ùr. Chaidh a thogail ann am meadhan an naoidheamh linn deug agus chaidh a dhunadh ann an naoi ceud tri fichead sa naoi.

Ach bha iomairt làidir ann gus ath-fhosgladh agus chaidh fhosgladh as ùr ann an dà mhìle sa chòig deug. Nuair a chaidh ath-fhosgladh, b’ e sin am pròiseact rèile as motha ann am Breatainn fad ceud bliadhna.

Dè do bheachd ma tha air carson a chaidh torr loidhnichean rèile a dhùnadh ma tha?

Tha mi a’ smaoineachadh gur e mearachd mhòr a bh’ ann agus tha mi a’ smaoineachadh gun robh e gu math beag-leirsinneach.

Nam biodh iad an cumail fad fichead bliadhna eile cha bhiodh iad air an dùnadh a bheil fhios agad oir tha ar beachdan air atharrachadh cho mòr ‘on uairsin.

Càite am bu toil leat fhèin loidhne rèile ur fhaicinn?

Bu toil leam tòrr loidhnichean rèile fhaicinn. Gu sònraichte tha beàrnan ann an taobh tuath na h-Alba ann an siorrachd Obar Dheathainn.

Bu toil leam cuideachd rathad iarrain fhaicinn gu Cill Rimhinn. ‘S dòcha tri na ceithir miltean de rathad iarrain ùr son ‘s gum bi an lìonra mar a bha e bho chionn fhada!

Tha e daonnan a’ cuir gàire air m’ aodann nuair a tha mi a’ siubhal air trèana. Chaidh sia ceud gu leth mìle de loidhne-rèile a dhùnadh sna seasgadan, is gu leòr dhiubh sin ann an sgìrean dùthchail.

Adhbhar tàmailt agus bristeadh-cridhe do mhuinntir nan sgìrean. Dh’fhaodar a ràdh ann an dòigh gun robh iad Fada bhon t-sùil, agus fada bhon chridhe.

Uill gu deimhinne tha an loidhne seo stèidhte ann an cridhe nan sgìrean agus nam bailtean agus nach math gun d’fhuair iad seirbheis trèana a-rithist.

Adhbhar toileachais! A reason to celebrate, adhbhar toileachais.