Understanding a recipe
A' tuigsinn reasabaidh
Have a go at reading these two recipes. If you don't understand any words, try looking them up in your dictionary or the LearnGaelic faclair.
Cèic Cobhar–uachdrach Seòclaid
• 300g seòclaid dhorcha
• 50g siùcar castoir
• 150g ìm neo–shaillte
• 5 buidheagain mhòra
• craiteachan salainn
• rùsg oraindsear air a sgrìobadh
• brìgh bhanilla
• Cuir bobhla air muin pana uisge teth no uisge goileach.
• Anns a' bhobhla, measgaich an t–seòclaid, siùcair castoir agus an t–ìm gus am bi iad uile air an leaghadh.
• Beag air bheag, measgaich na buidheagain a–steach gus am bi e mìn.
• Cuir craiteachan salainn, brìgh bhanilla agus rùsg oraindsear na mheasg.
• Cuir ann an tiona–fuine air a ghrìseadh e, agus bruich aig 180c e airson 30–40 mionaidean
This recipe can be found on the BBC ALBA website.
Briosgaidean Brisg–chagnaidh
• 80g siùcar bog ruadh
• 125g ìm bog gun shalann
• 2 spàin–bhùird siorap
• 175g min–fhlùir a dh'èireas
• 50g rìs brisg
• 50g criomagan seòclaid
• Cuir air an àmhainn gaoithe aig teas 140c.
• Ann am bobhla mòr, buail an siùcar, an t–ìm agus an t–siorap am measg a chèile gus am fàs iad aotram is mìn.
• Cuir ris a' mhin–fhlùir agus measgaich.
• Measgaich an t–seòclaid a–steach agus an rìs brisg le do dhà làimh gus an tig e ri chèile mar bhàl.
• Bris an taois ann am pìosan beaga. Dèan cumadh bàil leotha air meud bàil ghoilf. Cuir iad air treidhe a th' air a suathadh le ìm no ola. Cuir an treidhe dhan àmhainn airson 15 mionaidean.
This recipe can be found on the BBC ALBA website and on YouTube.