Take two: What did Anne buy?

An dàrna turas: Dè cheannaich Anna?

chat avatar

Anna! Ciamar a tha sibh?

Anne! How are you?

chat avatar

Chan eil sgillinn ruadh agam ach tha mi gu math, ceud taing. Ciamar a tha thu fhèin?

I don't have a red penny left but I'm well, a hundred thanks. How are you yourself?

chat avatar

Tha mi nas fheàrr, mòran taing. An do cheannaich sibh rudeigin?

I am better, many thanks. Did you buy something?

chat avatar

An do cheannaich mi rudeigin? Cheannaich mi a h-uile rud! Cheannaich mi cus!

Did I buy something? I bought everything! I bought too much!

chat avatar

Dè cheannaich sibh?

What did you buy?

chat avatar

Cheannaich mi sgiort phinc, còta dubh agus dreasa ghlas.

I bought a pink skirt, a black coat and a grey dress.

chat avatar

Càit an do cheannaich sibh iad?

Where did you buy them?

chat avatar

Cheannaich mi iad ann am bùth Mhàiri.

I bought them in Mary's shop.

chat avatar

A bheil bùth aig Màiri? Cuin a cheannaich i bùth?

Does Mary have a shop? When did she buy a shop?

chat avatar

Chan eil fios agam. Ciamar a cheannaich i bùth? Bha mi a’ smaoineachadh gun robh i ag obair ann an sgoil.

I don't know. How did she buy a shop? I thought she worked in a school.

chat avatar

Nach do cheannaich sibh còta an t-seachdain sa chaidh?

Didn't you buy a coat last week?

chat avatar

Cha do cheannaich mi còta an t-seachdain sa chaidh. Cheannaich mi seacaid dhearg.

I didn't buy a coat last week. I bought a red jacket.

chat avatar

Is toil leam ur seacaid sin.

I like that jacket of yours.

chat avatar

An toil leat mo chòta ùr?

Do you like my new coat?

chat avatar

Dè na bha e?

What was it?

chat avatar

Tha e snog. Bha e ochdad ‘s a còig notaichean.

It is nice. It was eighty five pounds.

chat avatar

Cuin a cheannaich sibh còta mu dheireadh?

When did you last buy a coat?

chat avatar

Cheannaich mi còta fichead latha air ais!

I bought a coat twenty days ago!

chat avatar

Chan eil sibh glic!

You are not wise!