Take two: Where does John live?
An dàrna turas: Càit a bheil Iain a’ fuireach?
Let’s have a look at the conversation again.

Madainn mhath, Iain.
Good morning, John.

Latha math, Anna.
Good day, Anne.

Cò às a tha thu?
Where are you from?

Tha mi à Alba. Tha mi às an Òban. Cò às a tha sibh fhèin?
I am from Scotland. I am from Oban. Where are you from yourself?

Tha mi à Alba. Tha mi à Steòrnabhagh.
I am from Scotland. I am from Stornoway.

Càit a bheil sibh a’ fuireach?
Where do you live?

Tha mi a’ fuireach anns na Hearadh. Chan eil mi a’ fuireach ann an Steòrnabhagh. Càit a bheil thu a’ fuireach?
I live in Harris. I do not live in Stornoway. Where do you live?

Tha mi a’ fuireach ann an Glaschu.
I live in Glasgow.