What about your family?

Dè mu dheidhinn an teaghlaich agad fhèin?

chat avatar

Sin thu fhèin, a Mhairead. Dè tha thu ris?

There you are, Mairead (Margaret). What are you doing?

chat avatar

Halò, Anna. Tha mi dìreach a' cur cairt gu mo bhràthair, Calum. Bidh co-là-breith aige Diluain sa tighinn.

Hallo, Anna. I'm just sending a card to my brother, Calum (Malcolm). It will be his birthday this (next) Monday.

chat avatar

Cha robh fhios agam gun robh bràthair agad.

I didn't know you had a brother.

chat avatar

Ò tha gu dearbh. Tha triùir bhràithrean agam: dithis bhràithrean agus leas-bhràthair.

Oh I certainly do (have). I have three brothers: two brothers and a step-brother.

chat avatar

Agus a bheil peathraichean agad?

And do you have (any) sisters?

chat avatar

Tha gu dearbh! Tha ceithir - uill, ceathrar - pheathraichean agam: triùir pheathraichean a tha fad nas sine na mise agus leas-phiuthar òg a tha fhathast sa bhun-sgoil.

I certainly do! I have four – well, four sisters: three sisters who are much older than I am, and a young step-sister who is still in primary school.

chat avatar

Abair teaghlach mòr!

What a big family!

chat avatar

Agus, thusa, Anna. Dè mu dheidhinn an teaghlaich agad fhèin? D' athair? Do mhàthair? A bheil bràthair no piuthar agad? A bheil clann agad? Nighean no mac?

And you, Anna, what about your family? Your father, your mother? Do you have children? A girl (daughter) or a boy (son)?

chat avatar

Uill, chan eil clann agam (fhathast) ach innsidh mi dhut mu dheidhinn an teaghlaich gu lèir! Bràithrean is peathraichean, m' athair 's mo mhàthair, seanmhairean is seanairean. Agus oghaichean agus co-oghaichean. Bheir e ùine!

Well, I don't have children (yet), but let me tell you about the whole family: brothers and sisters, my mum and my dad, grannies and grampas - and grandchildren and cousins. It'll take a while!