Have a go at reading this short report. If you don’t understand any words, try looking them up in your dictionary or the LearnGaelic faclair.
Chunnaic Alba an t–àrdachadh a bu mhotha de chùisean Chovid san Rìoghachd Aonaichte an t–seachdain seo chaidh, a rèir Oifis nan Staitistig Nàiseanta (ONS).
Thathar den bheachd gun robh an galar air 250,700 neach – aon anns gach 20 – san t–seachdain a chrìochnaich air an 17mh den Ògmhios. ‘S e àrdachadh a tha seo air na h–àireamhan bhon t–seachdain roimhe, nuair a bha Covid air mu 176,900 neach, aon anns gach 30.
Thuirt an ONS gu bheil e a’ coimhead coltach gur iad srèanaichean BA.4 agus BA.5 de dh’Omicron a tha air cùl nan cùisean ùra. Chan eilear den bheachd gu bheil iad nas marbhtaiche na srèanaichean eile de Chovid, ach tha coltas ann gu bheil iad a’ sgapadh nas luaithe. Tha ospadalan cuideachd ag ràdh gu bheilear a’ faicinn barrachd dhaoine a’ tighinn a–steach le Covid, le 931 neach air an clàradh Diluain – sin suas bho nas lugha na 600 aig deireadh a’ Chèitein. Ach tha cùisean fhathast fada nas ìsle na bha iad as t–Earrach, nuair a bha còrr air 2,000 euslainteach le Covid ann an ospadalan na h–Alba.
àrdachadh (m)
increase
euslainteach (m)
patient
èiginn (f)
emergency, distress
leigheas (m)
medicine, healing
carbad–eiridinn (m)
ambulance
comharra (m)
symptom
Seirbheis na Slàinte
The Health Service
galar (m)
disease
obair–lannsa (f)
surgery
bhìoras (m)
virus
cùisean (pl)
cases
tinneas (m)
illness
so–leònta (adj)
vulnerable
marbhtach/nas marbhtaiche (adj)
deadly/more deadly