B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Am fear a chunnacas agus a chualas

The man who was seen and was heard

Let’s have a look at this discussion. By the end of this section, you will have learned some valuable phrases that you can use in lots of different conversations.

Tha e còig uairean. Seo na naidheachdan le Seumas Dòmhnallach. Thèid fear à Port Rìgh, Crìsdean MacMhathain, a cheasnachadh ann an Cùirt an t–Siorraim ann an Dùn Èideann an–diugh. Thathas ag ràdh gun do ghoid e càr buidhe agus gun do dh’adhbhraich e tubaist–rathaid ann am meadhan a’ bhaile air an treas latha dhen Dùbhlachd an-uiridh. Bhathas a’ toirt iomradh gun deach a’ chùis a chur dheth dà thuras mar–thà ri linn a’ Choròna–bhìorais. It’s five o’clock. Here is the news with Seumas Dòmhnallach (James Macdonald). A man from Portree, Christopher Matheson, will be questioned in the Sheriff Court in Edinburgh. It is said/alleged that he stole a yellow car and that he caused a road accident in the centre of the city on the third of December last year. It had been reported that the case was delayed/put off twice already because of Coronavirus.
A Mhàiri, chaidh lorg air fear a ghoid an càr buidhe sin ann an Dùn Èideann. Màiri, a man was found who stole that yellow car in Edinburgh.
Cò am fear a bha siud? Who was that (man)?
Am fear a chunnacas a’ goid càr buidhe air Sràid a’ Chaisteil, air an aon oidhche a thuit mi. The man who was seen stealing a yellow car on Castle Street, on the same night that I fell.
Am fear a chualas a’ bualadh a’ chàir a–steach don bhalla faisg air a’ chaisteal? The man who was heard crashing the car into the wall near the castle?
An dearbh fhear! Am fear a chualas cuideachd a’ trod ris a’ phoileas nuair a chaidh a chur an grèim! The very same (man)! The man who was heard arguing with the police when he was arrested!
Chunnacas am fear sin dìreach an dèidh na tubaiste a bh’ agad. That man was seen just after your accident.
Agus abair droch chainnt a bh’ aige nuair a chaidh a chur an grèim! Cha chualas a leithid riamh! And such bad language/swearing when he was arrested! The like(s) of it has never been heard before!
Ciamar a bha fhios agad air a sin? How did you know that?
Bhathas ag aithris an sgeulachd sin anns na naidheachdan aig an àm. That story was reported in the news at the time.
Chaidh aontachadh sa Phàrlamaid feasgar an–diugh gun tèid an tuilleadh taic–airgid a thoirt do ghnìomhachasan a tha a’ fuiling air sgàth a’ Choròna–bhìorais. Chaidh seo a dhèanamh an dèidh thagraidhean bho cheudan de ghnìomhachasan a bha ag ràdh gun rachadh iad fodha gun taic bhon Riaghaltas. It was agreed in Parliament this afternoon that more financial assistance will be given to businesses which are struggling due to the Coronavirus. This was made after claims from hundreds of businesses, who were saying that they will go under without help from the Government.