What will we do?

Dè nì sinn?

Let's have a look at this discussion. It's full of useful words and phrases that you can adapt to suit a whole range of situations.

chat avatar

Nach tig thu a-mach còmhla rinn a-nochd, a Mhàiri?

Won't you come with us tonight, Mary?

chat avatar

Thig! Dè nì sinn?

I will. What will we do?

chat avatar

Thèid sinn gu cuirm-chiùil ann an talla a' bhaile.

We will go to a concert in the town hall.

chat avatar

Càit a bheil sin? Chan eil mi ro eòlach air a' bhaile seo.

Where's that? I'm not very familiar with this town.

chat avatar

Faisg air a' chala, ri taobh na h-eaglaise?

Near the harbour, beside the church?

chat avatar

O, tha fhios agam far a bheil sin.

Oh, I know where that is.

chat avatar

Their iad gur iad an còmhlan as fheàrr ann an ceòl jazz an-dràsta.

They say that they are the best group in jazz music just now.

chat avatar

An abair? Uill, feumaidh sinn a dhol ann, ma-thà. Ciamar a gheibh sinn ann?

Do they? Well, we'll have to go then. How will we get there?

chat avatar

Thèid sinn ann tràth. Beiridh sinn air an trèan aig sia agus ruigidh sinn aig leth-uair an dèidh sia, tha mi 'n dòchas. Bidh ùine gu leòr againn.

We'll go early. We'll catch the train at six and we'll get there at half-past six, I hope. We will have enough time.

chat avatar

Ciamar a cheannaicheas sinn na tiocaidean? Chan fhaigh sinn tiocaidean air-loidhne a-nis.

How will we buy the tickets? We won't get tickets online at this stage?

chat avatar

Chan fhaigh. Ceannaichidh sinn na tiocaidean aig an doras. Gheibh mi na tiocaidean aig Iain agus Fionnlagh aig an aon àm.

We won't. We'll buy tickets at the door. I will get John's and Finlay's tickets at the same time.

chat avatar

Agus cuin a choinnicheas sinn riutha?

And when will we meet them?

chat avatar

Coinnichidh sinn riutha aig seachd. Bheir mi dhaibh na tiocaidean aca an uair sin.

We'll meet them at seven. I will give them their tickets then.

chat avatar

Cuin a choinnicheas sinne, ma-thà?

When will we meet, then?

chat avatar

Aig cairteal gu sia. Am faic mi aig an stèisean thu aig cairteal gu sia?

At quarter to six. Will I see you at the station at quarter to six?

chat avatar

Chì. Chì mi ann thu!

You will (see). I'll see you there!