Take two: Do you remember this party?
An dàrna turas: A bheil cuimhne agad air a’ phàrtaidh seo?

Tha fios a’m gu bheil thu eòlach air Peigi, Iain!
I know you know Peigi, John.

Chan aithne dhomh i.
I don’t know her

Tha cuimhne aig Peigi ortsa, Iain.
Peggy remembers you, John.

A bheil fios agad air an seo? Chan eil cuimhne agam oirre!
Do you know this? I don’t remember her!

Chan eil fios agam carson nach eil cuimhne agad air Peigi, tha i cracte!
I don’t know how you don’t remember Peggy, she is crackers!

Tha fios agam ach tha i cho laghach. Bha i a’ bruidhinn mu phàrtaidhean. A bheil cuimhne agad air pàrtaidh ann an Sruighlea dà bhliadhna air ais, Fhionnlaigh?
I know but she is so kind. She was talking about parties. Do you remember a party in Stirling two years ago, Finlay?

Ò, tha. Tha cuimhne agam air. Tha fios aig Peigi cò ris a tha mi coltach. Tha cuimhne agam gun deach mi dhachaigh ach chaidh mi dhan taigh cheàrr.
Oh, yes. I remember it. Peggy knows what I am like. I remember I went home and went to the wrong house.

Tha fios againn uile cò ris a tha thu coltach.
We all know what you are like.