Take two: What did John eat last night?

An dàrna turas: Dè ghabh Iain a-raoir?

Look at the conversation again:

chat avatar

Dh’ith mise iasg agus sliseagan a-raoir.

I ate fish and chips last night.

chat avatar

Am bi thu ag ithe iasg?

Do you eat fish?

chat avatar

Bidh. Bidh mi ag ithe a h-uile rud. Dh’ith mi gach rud a-raoir.

I do. I eat everything. I ate everything last night.

chat avatar

Dè dh’ith thu a-raoir?

What did you eat last night?

chat avatar

Dh’ith mi iasg is sliseagan, coiridh, piotsa agus cèic.

I ate fish and chips, curry, pizza and cake.

chat avatar

An do dh’ith thu coiridh agus piotsa an-dè?

Did you eat curry and pizza yesterday.

chat avatar

Dh’ith, bha iad blasta.

I did, they were tasty.

chat avatar

Nach do dh’ith thu measan no glasraich?

Did you not eat fruit or vegetables?

chat avatar

Dh’ith mi sliseagan.

I ate chips.

chat avatar

Mo chreach!

My goodness!

chat avatar

Cha do dh’ith mi measan sam bith. Bha mi cho làn ri ugh, Anna.

I did not eat any fruit. I was as full as an egg, Anne.

chat avatar

Chan eil thu glic!

You are not wise!