Take two: She would be good at singing and Gàidhlig

An dàrna turas: Bidh i math air seinn agus Gàidhlig.

Look at the conversation again.

chat avatar

Chan eil Fionnlagh cho àrd riumsa!

Finlay is not as tall as me!

chat avatar

Cò ris a bhios do chèile as fheàrr leat coltach?

What would your ideal partner be like?

chat avatar

Joy Dunlop no Màiri Mhòr nan Òran.

Joy Dunlop or Màiri Mhòr nan Òran.

chat avatar

Ciamar? Chan eil Joy Dunlop coltach ri Màiri Mhòr nan Òran idir.

How? Joy Dunlop is not like Màiri Mhòr nan Òran at all.

chat avatar

Tha i. Tha Joy fileanta anns a’ Ghàidhlig agus bha Màiri Mhòr nan Òran fileanta anns a’ Ghàidhlig. Tha Joy math air seinn agus bha Màiri Mhòr! Tha Joy nas òige na Màiri Mhòr!

She is. Joy is a fluent Gaelic speaker and Màiri Mhòr nan Òran was a fluent Gaelic speaker. Joy is good at singing and Màiri Mhòr was! Joy is younger than Màiri Mhòr.

chat avatar

A bheil Gàidhlig agad?

Do you have Gaelic?

chat avatar

Anna, tha mi fileanta! Tha mi a’ bruidhinn ribh sa Ghàidhlig!

Anne, I'm fluent! I am speaking to you in Gaelic!

chat avatar

A bheil cànain eile agad?

Do you have any other languages?

chat avatar

Tha Gearmailtis agam.

I have German.

chat avatar

A bheil thu da-chànanach?

Are you bilingual?

chat avatar

Tha.

Yes.

chat avatar

Tha beagan agam fhìn, ach chan eil mòran agus chan eil mi math oirre.

I have a wee bit myself, but not much and I am not good at it.

chat avatar

Tha mi ag ionnsachadh Spàinntis an-dràsta. A bheil sibh ag ionnsachadh cànan sam bith eile?

I am learning Spanish just now. Are you learning any other languages?

chat avatar

Tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Èireann an-dràsta.

I am learning Irish just now.

chat avatar

Glè mhath!

Very good!

chat avatar

A bheil thu eòlach air cuideigin aig a bheil Nirribhis, Suainis no Danmhargais? Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil iad nas dorra na cànain eile.

Do you know someone who speaks Norwegian, Swedish or Danish? I think they are harder than other languages.

chat avatar

Fionnlagh. Tha esan nas fheàrr na duine sam bith air cànain.

Finlay. He is better than anyone else at languages.

chat avatar

Tha e math air dràibheadh cuideachd. A bheil thu math air dràibheadh?

He’s good at driving too. Are you good at driving?

chat avatar

Tha. Tha Fionnlagh nas luaithe na mise.

Yes. Finlay is faster than me.

chat avatar

Tha mise nas slaodaiche na duine sam bith. Chan eil mi math air dràibheadh.

I am slower than anyone else. I am not good at driving.