Get out of my way!

Mach às mo rathad!

Let's have a look at this discussion. By the end of this section, you will be able to have this conversation! It's full of useful phrases that you can adapt to suit a whole range of situations.

chat avatar

Thachair mi ri caraid an latha roimhe mus deach mi a dh'obair. Ged a bha mise air thoiseach, agus a' coiseachd air mo shocair, bha esan air deireadh, mar gum biodh. Bha e na chabhaig. Agus nuair a bhios cabhag air duine ...

I met a friend the other day before I went to work. Although I was ahead (of time) and walking leisurely, he was behind, as it were. He was in a hurry. And when a person is in a hurry ...

chat avatar

Tha fhios a'm.

I know.

chat avatar

Thuirt e rium, 'Ma chailleas mi am bus, bidh mi fadalach. Mach às mo rathad!'

He said to me, 'If I miss the bus, I'll be late. Get out of my way (road)!'

chat avatar

An e sin na thuirt e riut? Mach às mo rathad?

Is that what he said to you? Out of my way (road)?

chat avatar

'S e sin na thuirt e rium.

That's what he said to me.

chat avatar

Abair mì-mhodh!

Such rudeness!

chat avatar

Gu dearbha! Co-dhiù, mus d'fhuair mi an cothrom facal a ràdh ... thuit am baga aige agus an stuth gu lèir na bha anns a' bhaga air.feadh.an.àite!

Indeed. Anyway, before I got a chance to say a word ... his bag fell and everything that was in his bag all.over.the.place!

chat avatar

An e sin na thachair dha?

Is that what happened to him?

chat avatar

'S e sin an rud a thachair. Tha mi ag innse dhut! Bha siabann air a' chabhsair. Bha salann is siùcar, is min-fhlùir air uinneagan na bùtha. Chan eil cuimhn' agam a-nis air na bha ann uile gu lèir. Steall am bainne air mo sheacaid, air mo bhriogais, air mo bhrògan. Abair fàileadh!

That is what happened. I'm telling you! There was soap on the pavement. There was salt, sugar and flour on the shop windows. I can't (don't) remember all that was there. The milk splashed on my jacked, on my trousers, on my shoes. What a smell!

chat avatar

Agus dè thachair an uair sin?

And what happened then?

chat avatar

Bha esan ceart gu leòr. Fhuair e tagsaidh agus ràinig e an oifis dìreach ann an àm!

He was OK. He got a taxi and reached the office just in time.

chat avatar

Smaoinich!

Imagine!

chat avatar

Bha iad a' sgioblachadh na sràide fad na maidne mus d' fhuair iad a h-uile nì air a ghlanadh.

They were tidying (up) the street all morning before they got everything cleaned (up).

chat avatar

Mo chreach-sa thàinig!

Goodness gracious!

chat avatar

'S e sin na chuala mise co-dhiù.

That's what I heard anyway.