B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Abairtean 

Phrases

There were a few words and phrases there which you can use when talking about Bainnsean (Weddings). Let’s look at some of them again in context. 

Ciamar a chaidh dhut aig na cuirmean: an ceumnachadh, am baisteadh agus a’ bhanais?

How did you get on at the celebrations: the graduation, the baptism/christening and the wedding?

Chaidh math dha–rìribh!

I got on great!

‘S i a’ bhanais an latha a bu motha a bh’ ann.

It was the wedding that was the most important [biggest] day.

Bha Mìcheal, fear na bainnse, deiseil

Michael, the groom, was ready

…le liosta–aoighean agus fiathachaidhean bliadhna ron cheann–latha.

…with a guest list and invitations a year before the date.

… gun robh tòrr bhainnsean a’ tachairt as t–samhradh ri linn a’ bhìorais

… that many weddings were happening this summer because of the virus

Thug sin pailteas ùine dhomh aodach na bainnse fhaighinn.

It gave me plenty of time to get a wedding outfit.

Fhuair mi lèine is seacaid ùr a thig leis an fhèileadh agam.

I got a new shirt and jacket to go with my kilt.

Cò ris a bha fear na bainnse agus am fleasgach coltach?

What did the groom and the best man look like?

Bha fear na bainnse riochdail, le fèileadh air.

The groom was handsome, with his kilt on.

Bha am fleasgach eireachdail san fhèileadh aigesan

The best man was handsome in his kilt

… agus cha do chaill e na fàinneachan–pòsta nas motha!

… and he didn’t lose the wedding rings either!

Agus cò ris a bha bean na bainnse coltach?

And what did the bride look like?

Bha bean na bainnse brèagha, le brèid–bainnse agus dreasa–bhainnse a bha cho geal ris a’ chanach.

The bride was beautiful, with a veil and wedding dress as white as bog–cotton.

Bha a’ mhaighdeann–phòsaidh bòidheach ann an dreasa fhada liath.

The bridesmaid was pretty as well in a long pale blue/grey dress.

Nuair a thug iad seachad na bòidean bainnse thàinig deur nam shùil

When they exchanged their wedding vows, I had a tear in my eye.

Tha thu cho bog ris an ìm!

You’re as soft as butter!

Bha cuirm–bhainnse air leth aca.

The wedding reception was brilliant [exceptional].

Bha an t–àite loma–làn le aoighean, bha am biadh fìor bhlasta agus bha an ceòl iongantach

The place was full of guests, the food was delicious and the music wonderful.

Dh’fhàg Mìcheal is Donna tràth san fheasgar ‘s iad a’ falbh air mìos nam pòg aca …

Michael and Donna left in the early evening for their honeymoon …

… chùm sinn oirnn a’ dannsadh!

… we kept on dancing!

We’ll catch up with some more of these as well as adding some new words and phrases to our vocabulary as we progress through this lesson.