Cuidich sinn le làrach-lìn SpeakGaelic | Help us with the SpeakGaelic website
Watch this clip where Calum MacIlleathain (Calum Maclean) checks out a very strange event.
À! Coimhearsnachdan beaga na h-Alba!
Scotland’s small communities.
Nach iad a tha bòidheach!
Agus a’ tàladh luchd-turais às gach ceàrnaidh – from every area.
Ach ann an cuid de choimhearsnachdan air feadh Alba, tha cleachdaidhean neònach – strange customs – aca mus pòs daoine.
Anns na seachdainean ron a’ phòsadh, bidh nàbaidhean is caraidean a’ glacadh fear agus bean na bainnse, the bride and groom, airson an dubhadh – the blackening.
An…interesting Scottish custom…
Inntinneach dha-rìribh!
Dè dìreach a th’ ann an dubhadh ma-thà?
Uill, ma thèid do dhubhadh bidh thu air do chòmhdach le iomadh stuth sgreamhail.
Anns na Hearadh far a bheil e a’ tachairt gu math tric, chaidh Neillie MacIlleathain, a dhubhadh mus do phòs e, ach dè chuir iad air?
Flùr, uighean, trèicil, sgadan saillte, le garlic na mheasg, a h-uile càil – bainne, bainne grod…
Àidh, bha e ‘tough’!
Bha a’ chuid mhòr dhen a’ bhaile an seo, agus dh’fheuch mi ruith ach cha robh feum sam bith ann. Bha mi air mo dheagh ghlacadh, agus…
Bha mi a’ smaoineachadh gun robh iad dol gam fhaighinn o chionn ‘s, thairis air nam bliadhnaichean tha mise air a h-uile duine acasan fhaighinn.
Agus bha mi dìreach a’ smaoineachadh, ‘Uill tha dà sheachdain chun a’ phòsaidh’, agus bha mi a’ smaoineachadh, ‘s dòcha gu bheil mise sàbhailte gu leòr an seo, ach…cha robh!
Nise, ‘s e do charaidean a rinn seo?
‘S e, mo charaidean a bh’ ann, ‘s e.
An deach sibh a-mach air a chèile?
Cha deach, no, gu fortanach cha deach, ach tha e math.
Tha e a’ toirt a h-uile duine còmhla, agus tha e math son a’ chlann cuideachd a tha ga fhaicinn, ged a bha aon nighean bheag ann, ach nuair a chunnaic i mi anns an trèalair, agus daoine a’ crathadh uighean orm agus flùr agus m’ aodann ann an ‘mess’, ghabh i feagal agus bha i a’ caoineadh, an nighean bhochd.
Gun teagamh sam bith, without a doubt, tha dubhadh annasach, agus rudeigin mi-chàilear, somewhat unpleasant.
Ach tha fhathast iomadach ceist fhathast agam mu dheidhinn: Ma tha thu an dùil rudan a tha dathte a shadail ort, carson as e dubhadh a th’ air? Nach biodh dathadh na b’ fheàrr?
Agus cò às a thàinig an cleachdadh anns a’ chiad dol a-mach?
Ciamar a thòisich e?
Tha mi a’ sireadh eòlaiche.
Ma tha thu a’ fuireach ann an sgìre dhùthchail, an àite sam bith ann an Alba no ann an Èirinn a Tuath, dh’fhaodadh gum faca tu seo a’ tachairt.
Agus ma chunnaic, cuiridh mi geall, I’ll bet, nach deach e às do chuimhne!
Hi Sheila!
Tha Sheila Young an lùib Stèidheachd Elphinstone aig Oilthigh Obar Dheathain agus tha ise air a bhith a’ rannsachadh, she has been researching, a’ chleachdaidh annasaich seo air feadh na dùthcha.
During the sixties and seventies it was called by some a blackening and by others a feet-washing.
But when you get to the 1980s it’s just called the blackening.
When it was a feet washing ceremony it was done indoors on the eve of the wedding, and the feet and the legs were blackened.
Probably from about the start of the 20th century onwards, it moved outdoors.
Once it moved outdoors, the sky was the limit, you know, you could pour anything on top of people, and they did!
And do we know the origins of the ritual?
Like many traditions, it’s virtually impossible to actually find a source.
So, it could be ancient. It could be Christian.
There might be some analogies with the washing of the disciples’ feet by Christ.
It could be pre-Christian. Who knows!
Abair cleachdadh!
Mar is trice nuair a bhios mi ag ionnsachadh mu chleachdaidhean agus mu thraidiseanan – customs and traditions, uill, chan eil mòran ceangail aca rium fhèin.
Usually when I learn about customs and traditions, they don’t apply to me.
Ach…tha mi a’ fuireach ann am baile beag dùthchail.
Agus…nam b’ e an rud e ‘s gun toirinn gealladh-pòsaidh seachad latha brèagha air choireigin…
Uill, ‘s dòcha gum biodh dubhadh air fàire dhòmhsa cuideachd.
Joy, ‘s dòcha gur e an rud as fheàrr gum pòs mi gun innse do dhuine.